Poileasaidh an riaghaltais an-dràsta

Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais (CAP)

Nuair a chaidh an t-Aonadh Eòrpach a stèidheachadh, chaidh Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais (CAP: Common Agricultural Policy) a dhealbh a bha ag amas air piseach a thoirt air inbhe beòshlaint nan tuathanach a bharrachd air dùthchannan fa leth san aonadh a bhith nas fèin-fhoghainntiche. An toiseach bha CAP a' toirt phrìsean cinnteach do thuathanaich. Bha sin a' ciallachadh gun robh barrachd bàrr gràin ga fhàs agus gun robh barrachd talaimh ga chleachdadh airson am bàrr sin fhàs. Fhuair an CAP càineadh mòr oir chaidh callaidean a leagail agus air sgàth sin, chaidh àrainnean bheathaichean à bith. Chaidh coilltean a leagail agus chaidh talamh fliuch a dhrèanadh airson gum biodh barrachd talamh àitich ann. Bha sin a' ciallachadh nach robh sgìrean dùthchail a' coimhead cho brèagha agus nach robh uiread de dh'fhiadh-bheatha ann.

Bha am poileasaidh seo uabhasach soirbheachail, ach bha e a' ciallachadh gun robh cus bainne, cus ime agus cus bàrr gràin ann. Dh'atharraich an EU am poileasaidh gus tuathanaich a bhrosnachadh talamh a chur a thaobh – bha tuathanaich air am pàigheadh nam fàgadh iad talamh fo fheur agus gun càil a chur ann. Chaidh cuotathan cuideachd a stèidheachadh gus crìoch a chur air cuid dhe na nithean a b' urrainn do thuathanaich a dhèanamh, me chuidich cuotathan gu bhith a' lùghdachadh na bha tuathanaich bhainne a' dèanamh de bhainne a chòrr. Fo Phoileasaidh Stiùbhardachd na h-Àrainneachd, faodaidh tuathanaich cuideachd cur airson shubsadaidhean agus grantaichean airson àrainnean nàdarra air an talamh aca ath-nuadhachadh, mar coilltean agus talamh fliuch.

San RA, faodaidh an riaghaltas cuideachd sgìrean dhen dùthaich a chomharrachadh mar Ionadan de Shùim Shònraichte Shaidheansail (SSSI: Sites of Special Scientific Interest) no Ceàrnan le Àrainneachd Chugallach (ESA: Environmentally Sensitive Areas). Ma bhios sin air talamh tuathanais, faodaidh tuathanaich airgead-dìolaidh fhaotainn airson an cuideachadh ga dhìon, ach tha e a' ciallachadh gu bheil iad air an cuingealachadh a thaobh mar a ghabhas an talamh a chleachdadh.

Buaidh CAP air an dealbh-tìre

Le talamh a chur a thaobh, tha deagh bhuannachdan air a bhith ann a thaobh na h-àrainneachd oir chan eil uiread de thruailleadh ann bho cheimigich airson bàrr fhàs. Cha deach uiread de challaidean a leagail agus cha deach uiread de choilltean a sgrios. Cuideachd, tha tuathanaich a' faotainn shubsadaidhean agus grantaichean airson àrainnean nàdarra mar coilltean agus talamh fliuch air an talamh aca ath-nuadhachadh.