Tuathanachas organach agus biadh le atharrachadh ginteil

Tuathanachas organach

A' leasachadh tuathanachas organach

Ann an tuathanachas organach, bidh tuathanaich àitich a' fàs bàrr às aonais cheimigean. Tha iad an urra ri dòighean tuathanachais nas nàdarra mar cuartachadh bàrr agus a' cleachdadh inneir mar thodhar. Tha bainne agus feòil organach a' tighinn bho bheathaichean nach d' fhuair anti-biotaigean. Tha iomadh tuathanach ag atharrachadh gu tuathanachas organach oir tha luchd-ceannach ag iarraidh biadh gun cheimigean a cheannach. Tha mòran thuathanach organach an aghaidh bheathaichean agus lusan le atharrachadh ginteil airson biadh fhàs.

Na buannachdan agus eas-bhuannachdan an cois tuathanachas organach
BuannachdanEas-bhuannachdan
Biadh gun cheimigean ga fhàs oir tha luchd-ceannach ga iarraidhBarrachd obrach ann – barrachd ùine agus barrachd obrach dhan tuathanach airson bàrr fhàs
Nas lugha de thruailleadh aibhnichean oir chan eil ruith-dheth cheimigeach annFeumaidh an tuathanach barrachd sgil, me airson talamh nach eil cho math àiteach
Fiadh-bheatha ann an aibhnichean air an dìonChan eil uiread de bhàrr air tuathanais organach

Biadh le atharrachadh ginteil

A' chuis airson lusan GM

Tha seo a' ciallachadh gum bi tuathanaich a' cleadhadh sìol a chaidh atharrachadh le saidheans. San àm a dh'fhalbh, bha piseach ga thoirt air lusan le bhith gam briodadh còmhla ri lusan na b' fheàrr. Mar sin b' urrainn do thuathanaich lusan làidir fhàs bhom faigheadh iad tòrr bàrr airson a reic. Bidh am pròiseas nàdarra seo a' toirt bhliadhnaichean airson bàrr nas fheàrr fhaotainn, ach tha lusan GM air an atharrachadh ann an dòigh fhuadain, agus gu math nas luaithe, le luchd-saidheans.

Tha ceistean bheuslachd, àrainneachd agus slàinte air cuid de dhaoine mu bhith a' cleachdadh lusan GM. Tha iad den bheachd nach bu choir do thuathanaich lusan GM a chleachdadh.

Tha daoine eile a' cur taic ri teicneòlas GM, a chruthaicheas lusan nach leig plàighean agus luibhean faisg orra. Tha sin a' dìon a' bhàrr agus ga chumail gun a dhol a dholaidh. Tha mòran den bheachd gu bheil seo gu h-àraid cudromach ri linn àrdachadh ann an àireamhan-sluaigh an t-saoghail agus an t-iarratas a bhios air biadh da rèir.