An dèidh a' Chiad Chogaidh mhill Cùmhnant Versailles a’ Ghearmailt. Chaidh coire air Riaghaltas Weimar is rinn Hitler is na Nadsaidhean feum den sin.
Carson a b’ fheudar dhan Ghearmailt gèilleadh ann an 1918?
Chaidh a cur fodha le Breatainn, an Fhraing agus na SA.
Bha iad sgìth dhen chogadh agus cha robh iad airson cumail a’ dol.
Bha stuthan amh air teirigeachdainn, agus bha bacadh-malairt air puirt na Gearmailt.
Carson a bha mòran Ghearmailteach a’ faireachdainn gun d’ fhuair iad ‘biodag san druim’ ann an 1919?
Shoidhnig riochdairean na Gearmailt Cùmhnant Versailles ann an 1919.
Bha a’ Ghearmailt air an cogadh a chall ann an 1919.
Bha an Kaiser air an crùn a chur bhuaithe, agus bha a’ Ghearmailt gun rìgh.
Dè an t-ainm a bh’ air riaghaltas ùr na Gearmailt a chaidh an àite a’ Khaiser?
An Reichstag
Poblachd Weimar
An Reichsrat
Dè bh’ ann an Artaigil 48 dhen bhun-reachd?
Thug e cead dhan arm smachd a ghabhail air a’ Ghearmailt ann an èiginn.
Thug e cead dhan cheann-suidhe smachd a ghabhail air a’ Ghearmailt ann an èiginn.
Thug e cead dhan phàrtaidh phoilitigeach a bu mhotha smachd a ghabhail air a’ Ghearmailt ann an èiginn.
Dè am buidheann a rinn ar-a-mach an aghaidh Riaghaltas na Gearmailt san Fhaoilleach, 1919?
Am Partaidh Caitligeach
Am partaidh Nadsaidheach
Na Spartagaich
Cò eile, a bharrachd air Karl Leibknecht, a bha os cionn nan Spartagach?
Rosa Luxemburg
Eva Braun
Elizabeth Luxemburg
Cò chleachd Riaghaltas na Gearmailt airson an t-ar-a-mach a chur fodha?
An SA (Sturmabteilung, na brownshirts)
Na Freikorps
An t-arm
Carson a thug an Fhraing agus a’ Bheilg ionnsaigh air an Ruhr ann an 1923?
Cha robh stuthan amh air fhàgail aca agus bha iad airson feadhainn fhaighinn às a’ Ghearmailt.
Cha robh a’ Ghearmailt air pàigheadh dìoghaltais a dhèanamh ann an 1922.
Bha iad fiadhaich gun do thòisich a’ Chiad Chogadh agus bha iad airson am fearann aice fhaighinn dhaibh fhèin.
Chaidh an luchd-obrach Gearmailteach san Ruhr air stailc. Ciamar a b’ urrainn dhaibh sin a dhèanamh a thaobh airgid?
Bha na companaidhean dhan robh iad ag obair a’ cumail orra gam pàigheadh.
Cha robh airgead gu leòr aca airson a bhith air stailc agus cha b’ fhada gus an robh iad ann am bochdainn.
Chlò-bhuail Riaghaltas na Gearmailt barrachd airgid airson am pàigheadh.
Dè bh’ ann am mòr-atmhorachd?
Nuair a chaill airgead na Gearmailt a luach gu lèir.
Nuair a dh’atharraich riaghaltas na Gearmailt an t-airgead aca.
Nuair a chaidh airgead na Gearmailt suas ann an luach.
Ciamar a chaidh smachd a chur air mòr-atmhorachd ann an 1924?
Chaidh airgead ùr a chruthachadh agus chaidh Plana Young aontachadh.
Chaidh airgead ùr a chruthachadh agus chaidh Plana Dawes aontachadh.
Chaidh Plana Dawes agus Plana Young aontachadh.
Dè an t-amas a bh’ aig na Nadsaidhean aig àm Putsch Mhunich?
Cur às do Riaghaltas na Gearmailt.
Gum biodh Hitler na Sheansalair air a’ Ghearmailt.
Cur às do Riaghaltas Bhabhàiria.
Càit an tug Hitler air luchd-poilitigs Bhabhàiria taic a thoirt dha na Nadsaidhich, rè a’ phutsch?
Ann an talla leanna ann am Munich.
Ann am prìomh oifis Riaghaltas Bhabhàiria ann am in Munich.
Air sràidean Mhunich.
Dè a’ chasaid a bha an aghaidh Hitler an dèidh a’ phutsch?
Feuchainn ri cogadh a thòiseachadh.
Brathadh
Truailleadh
Dè cho fada ’s a bha Hitler ann am Prìosan Landsberg?
5 bliadhna
9 mìosan
5 mìosan