Duilgheadasan eaconamach (1919-23)

An Fhraing a' toirt ionnsaigh air an Ruhr

Adhbhar

  • Mar thoradh air Cùmhnant Versailles a shoidhnigeadh, dh'fheumadh Riaghaltas Weimar dìoladh a phàigheadh dhan fheadhainn a bhuannaich a' Chiad Chogadh.
  • Ann an 1922, thuirt Riaghaltas Weimar nach b' urrainn dhaibh an dìoladh a phàigheadh airson nan trì bliadhna a bh' air thoiseach air sgàth cruadal eaconamach.
  • Bha Riaghaltas na Frainge dhen bheachd gum b' urrainn dhaibh pàigheadh, agus nach robh iad ach a' feuchainn ri faighinn a-mach dè cho foighidneach 's a bhiodh na riaghaltasan eadar-nàiseanta.

Ionnsaigh

  • San Fhaoilleach 1923, chuir an Fhraing agus a' Bheilg 60,000 saighdear a sgìre an Ruhr sa Ghearmailt.
  • Bha na Frangaich ag amas air dìoladh nach deach a phàigheadh fhaighinn dhaibh fhèin, agus ghabh iad smachd air na prìomh ghnìomhachasan agus air stòrasan nàdarra.
  • Thug Riaghaltas na Gearmailt òrdan do luchd-obrach san Ruhr a dhol air stailc an àite a bhith a' cuideachadh nam Frangach.

Buaidh

Boireannach Gearmailteach a' dèanamh connadh dhen airgead agus ga chur dhan stòbha
Boireannach a' dèanamh connadh dhen airgead

Rinn sin èiginn eaconamach na Gearmailt na bu mhiosa. Chaidh teachd-a-steach an Riaghaltais bhon Ruhr, sgìre gnìomhachais cho mòr 's a bha sa Ghearmailt, sìos. Thòisich an riaghaltas air barrachd airgid a chlò-bhualadh airson gum pàigheadh iad an luchd-obrach Gearmailteach a bha air stailc san Ruhr.

Mòr-atmhorachd

  • Thachair seo nuair a thàinig tuil mòr de dh'airgead pàipeir dhan eaconamaidh, a bharrachd air stailc choitcheann, agus eaconamaidh lag a bh' air a milleadh leis a' chogadh.
  • Chaidh reat na h-atmhorachd suas cho uabhasach fhèin mòr 's gun do chaill airgead na Gearmailt a luach cha mhòr gu tur. Cha mhòr gun robh luach sam bith ann an airgead pàipeir. Bha lof a' cosg 250 marc san Fhaoilleach 1923 ach 200,000 millean marc san t-Samhain 1923.

Buaidh mòr-atmhorachd

  • B' e na Gearmailtich le airgead air a chaomhnadh a bu mhotha a chaill oir chaill an t-airgead aca a luach.
  • Dh'fhuiling na daoine a bu shine gu mòr oir bha an teachd-a-steach aca stèidhichte.
  • Thug e buaidh cuideachd air Gearmailtich a bha air am pàigheadh gach mìos oir dheigheadh luach an airgid aca sìos gu mòr mus faigheadh iad an ath phàigheadh.
  • Cha robh e cho dona dhan fheadhainn a bh' air am pàigheadh gach seachdain, no dham b' urrainn pàigheadh a chur air dòigh gach latha.
  • Bha e gu math na b' fhasa do dhaoine le iasadan am pàigheadh air ais.
  • Bha biadh gann oir cha robh airgead gu leòr aig gnìomhachasan airson bathar a cheannach bho thuathanaich.
  • Bha barrachd eucoir ann agus na Gearmailtich nan èiginn.

Ann an 1924 thàinig an èiginn gu crìch nuair a chaidh airgead ùr, an Rentenmarc, a chruthachadh san t-Samhain 1923 agus le Plan Dawes san Lùnastal 1924. Bha eaconamaidh na Gearmailt a-nis an urra ri iasadan bho Ameireaga.

Bha droch bhuaidh aig mòr-atmhorachd air Riaghaltas Weimar. Bha eaconamaidh na Gearmailt a-nis an urra ri eaconamaidh nan SA. Le Briseadh Wall Street ann an 1929, chaidh eaconamaidh nan SA bho fheum, agus chaidh eaconamaidh na Gearmailt a tharraing sìos cuideachd. Dh'fhàillig gnìomhachasan agus chaidh àireamh nan daoine gun chosnadh suas gu 6 millean. Thòisich an-fhois shòisealta, agus bha daoine leis an acras.