Cùmhnant Versailles

Dh'aontaich Riaghaltas na Gearmailt gun soidhnigeadh iad Cùmhnant Versailles san Ògmhios 1919, airson sìth a dhèanamh. Cha do chòrd sin idir ri muinntir na Gearmailt, agus chleachd nàimhdean an riaghaltais sin airson a ràdh gun do 'chuir iad biodag ann an druim na Gearmailt' le bhith a' cur crìoch air a' chogadh.

Cùmhnant Versailles

Mòr-fhianais air beulaibh an Reichstag an aghaidh Cùmhnant Versailles, 1919
Mòr-fhianais air beulaibh an Reichstag an aghaidh Cùmhnant Versailles

Cha robh an Cùmhnant idir gu math na Gearmailt:

  • Chaidh pàirt de thìr na Gearmailt a thoirt bhuaipe agus thug sin teachd-an-tìr luachmhor bhuaidhpe a thaobh gnìomhachais.
  • Bha aig a' Ghearmailt ri coire a ghabhail airson an cogadh a thòiseachadh, agus dh'adhbharaich sin gun robh i a' faireachdainn feargach agus air a maslachadh.
  • Bha aig a' Ghearmailt ri dìoladh luach £6.6 billean a phàigheadh agus bhiodh sin a' ciallachadh nach tigeadh piseach air an eaconamaidh.
  • Bha mòran Ghearmailteach air an tàmailteachadh air sgàth feachdan na Gearmailt agus gu h-àraidh Clàs Ciont a' Chogaidh, a chuir a' choire air a' Ghearmailt agus a caidrich, airson an cogadh a thòiseachadh. Air sgàth sin, bha daoine gu mòr na aghaidh. Cha robh daoine cleachdte ri deamocrasaidh phàrlamaideach, agus mar sin, cha robh taic ann dhan phoblachd ùir.

Bha droch bhuaidh aig an fhosadh agus aig Cùmhnant Versailles air Riaghaltas Weimar. Bha beachdan 'Eucoraich na Samhna' agus 'Biodag san Druim' a' nochdadh ann am mòran de dh'òraidean Hitler airson droch chliù a thoirt air a' chùis.