An dèidh a' Chiad Chogaidh mhill Cùmhnant Versailles a’ Ghearmailt. Chaidh coire air Riaghaltas Weimar is rinn Hitler is na Nadsaidhean feum den sin.
Anns na bliadhnachan tràth de Phoblachd Weimar, bha grunn dhuilgheadasan aig Riaghaltas na Gearmailt agus bha cunnart ann gun cuireadh sin às dhan Phoblachd. Bho dheireadh A' Chiad Chogaidh, bha a' Phoblachd a' dol bho chùis-èiginn gu cùis-èiginn.
Bha Riaghaltas ùr na Gearmailt co-cheangailte ris a' Ghearmailt a bhith a' call a' Chiad Chogaidh. Thug sin cothrom do Hitler a' choire a chur air an riaghaltas sin airson an cogadh a chall.
Cha robh Arm na Gearmailt air a chur fodha san Dàmhair 1918. A dh'aindeoin sin, dh'fheumadh an riaghaltas crìoch a chur air a' chogadh agus sìth a dhèanamh. Bha grunn adhbharan airson sin:
Dh'aontaich oifigearan na Gearmailt ri fosadh, aonta-sìth, a thòisicheadh air 11 Samhain 1918. Aig an àm, fhuair Oifigearan an Riaghaltais am far-ainm 'Eucoraich na Samhna'.