Adhbharan airson soirbheachas ann a bhith a' strì le bochdainn

Fàs air eaconomaidhean

Tha cha mhòr an treas cuid de dhèanatas agus caitheamh an t-saoghail a-nis ann an dùthchannan fo leasachadh. Ro dheireadh 2030, bidh 80% de eagar meadhanach an t-saoghail a' fuireach ann an dùthchannan fo leasachadh.

Cobhair

Bhon a chaidh Aonta Ghleann na h-Eaglais (Gleneagles Agreement) a ruighinn ann an 2005, thathar air cobhair a mheudachadh. Tha cobhair dà-thaobhach (bho dhùthaich gu dùthaich) airson malairt chun na sgìre de dh'Afraga a tha fon Sahara, air dùblachadh eadar 2005 agus 2011. Tha an RA air gealltainn gun lean iad a' toirt 0.7% dhen GDP aca do dhùthchannan fo leasachadh. Tha an RA a' cosg mu £3.7 billean air cobhair gach bliadhna.

Tha cuid de chobhair fhathast mì-fhreagarrach agus thathar a' dèanamh droch chaitheamh air cuid dheth. Ach, a dh'aindeoin seo, tha barrachd agus barrachd de chobhair a-nis air a chur gu daoine a tha ann am bochdainn. Tha aithisg a chaidh a sgrìobhadh o chionn ghoirid leis a' bhuidhinn Overseas Development Institute a' sealltainn gu bheil lùghdachadh air tighinn air an àireimh chloinne a tha a' fulang le cion a' bhìdh agus ann an rèit bàis chloinne ann an dùthchannan a tha air mòran cobhair fhaotainn.

Bho 2000, tha an ìre gu bheil Ghana an urra ri cobhair air lùghdachadh bho 46% gu 27%. Tha an ìre gu bheil Rwanda an urra ri cobhair air lùghdachadh bho 86% gu 65%. Ma leanas Ghana air an aon slighe, cha bhi feum aca air cobhair an ceann deich bliadhna.

Faochadh bho fhiachan

Tha Aonta Ghleann na h-Eaglais air faochadh bho fhiachan a thoirt do 35 dùthaich, a' mhòr-chuid dhiubh seo ann an Afraga.

Move on to Test
next