Adhbharan airson bochdainn

Ìomhaigh ag ràdh gu bheil strì armaichte, droch riaghladh agus bun-structar truagh ag adhbhrachadh bochdainnAithisg MDG, 2012

Ann an 2013 bha còrr is 50 millean neach nam fògarraich ri linn cogadh agus geur-leamhainn, an àireamh as àirde bho àm an Dàrna Cogaidh a rèir nan Dùthchannan Aonaichte. Bha an àireamh iomlan de 51.2 millean ann an 2013 sia millean nas àirde na a' bhliadhna ron a sin. Chuir còmhstri ann an Siria, ann am meadhan Afraga agus Sudan a Deas ris an àireimh gu mòr.

Droch riaghladh

Bho thòisich an cogadh sìobhalta ann an Somàlia, 's ann an-dràsta fhèin a tha a' chiad riaghaltas stèidhichte aca. 'S e Somàlia fhathast aon de na dùthchannan as bochda san t-saoghal.

Tha smachd aig a' bhuidhinn reubalaich, Al-Shabaab, air ceann a deas na dùthcha. Chan eil e air a bhith comasach biadh fhaighinn a-steach dhan dùthaich bho thoiseach 2010. Mar sin, chan eil dòigh air a bhith aig an UN daoine acrach, gu h-àraidh clann, a ruighinn. Tha seo air cur ris an t-suidheachadh èiginneach gu mòr.

Thathas a' gabhail ris gur e Ceinia aon de na dùthchannan as coirbte san t-saoghal. Air an liosta ris an canar Transparency International 2010 Corruption Perception Index, tha Ceinia ann an àite 154 a-mach à 178.

Tha seo a' ciallachadh gu bheil e cunnartach do bhuidhnean a tha a' giùlain biadh 's a leithid, leis gum faodadh iad am biadh uile a chall mura pàigh iad brìb mar a thèid iarraidh orra. A rèir Riaghaltas Cheinia, dh'fhaodadh gu bheil iad a' call suas ris an treas cuid dhen bhuidseat nàiseanta aca air sàillibh coirbeachd.

Droch bhun-structair

Tha droch bhun-structair a' ciallachadh nach urrainnear cus earbsa a chur ann an rudan ann an Afraga agus gu bheil cùisean nas slaodaiche agus nas daoire na bu chòir.

Cha e dìreach ròidean ùra a tha a dhìth air Etiòpia ach lìonraidhean ùra leithid puirt-adhair, loidhnichean-rèile, togalaichean-bathair agus siostam dealain ùr a bheir cumhachd don h-uile rud seo. A thuilleadh air an seo, chan eil siostaman uisge no slàintealachd cheart anns na prìomh bhailtean.

Ach, feumaidh dùthchannan leasaichte agus dùthchannan fo leasachadh a bhith nas fheàrr air a bhith a' cumail smachd air pròiseactan mòra cobhair. Tha fada cus coirbeachd air a bhith ann. Chan eilear air a bhith cothromach ann a bhith a' toirt seachad chùmhnantan, no a' dèanamh cinnteach gu bheil pròiseactan air an lìbhrigeadh gu h-iomchaidh.