Bochdainn na cruinne

Tha bochdainn a' toirt buaidh air gach dùthaich timcheall an t-saoghail. 'S ann glè ainneamh a tha aon dùthaich air fad bochd, ach tha cuid de shluagh na dùthcha sin ann am bochdainn. Ann an dùthaich bheairteach, leithid na RA, tha mòran dhaoine a tha bochd. San aon dòigh tha daoine beairteach ann an dùthchannan, leithid Tanzania, a thathar a' meas bochd.

Tha bochdainn a' ciallachadh diofar rudan do dhiofar dhaoine. Anns an RA, thathar a' bruidhinn air bochdainn choimeasach – far a bheil cuid de dhaoine bochd an coimeas ri daoine eile. Ged a tha cuid de theaghlaichean san RA beò air teachd a-steach glè bheag, tha Stàit Shochaire againn a tha a' toirt seachad sochairean don fheadhainn aig nach eil obair. A bharrachd air an seo, tha an Stàit Shochaire a' pàigheadh airson foghlam agus cùram slàinte do gach neach.

Luchd-togail air sgafallachd fiodha ri structar breige
Luchd-togail air sgafallachd fiodha ri structar breige

Tha na thathar a' ciallachadh le 'bochdainn' a rèir dè an dùthaich air a bheil sinn a' bruidhinn. Nuair a thathar a-mach air fìor bhochdainn, thathar a' ciallachadh daoine a tha a' strì airson rudan bunaiteach, leithid biadh, uisge agus àite-fuirich fasgach.

Tha Buidheann nan Dùthchannan Aonaichte (UNO: United Nations Organisation) a' feuchainn ri smachd a chumail air bochdainn agus tha iad air Amasan Leasachaidh na Mìle Bliadhna (MDGs: Millennium Development Goals) a chur air chois airson an soirbheachas a thomhais. 'S e a bhith a' lùghdachadh ìre bochdainn prìomh amas na buidhne. Tha iad ag amas air an àireimh sa cheud de dhaoine a tha a' cosnadh nas lugha na $1 gach là a lùghdachadh 50% eadar 1990 agus deireadh 2015.

Bochdainn/acras, foghlam, co-ionnannachd gnè, bàsmhorachd leanaban, cùram-slàinte (màthar), galar, so-sheasmhachd  (àrainneachdail), com-pàirteachais na cruinne leasachadh

Tha adhartas mòr air tighinn ri linn obair bhuidhnean leithid an UNO, cobhair bho dhiofar dhùthchannan, faochadh bho fhiachan agus fàs eaconomach ann an cuid de dhùthchannan Afraganach. Tha nas lugha de dhaoine bochd san latha an-diugh na bha bho chionn deich bliadhna, agus tha a h-uile coltas gun ruig an UNO air Amasan Leasachaidh na Mìle Bliadhna (MDGs). Ach, tha grunn mhilleanan fhathast a' fuireach ann am bochdainn agus tha seo a' toirt buaidh mhòr air am beatha agus air an dùil-aoise.