A' roinn le àireamh shlàn aon-fhigear

Tha iomadh dòigh ann a ghabhas cleachdadh nuair tha sinn a' roinn le àireamh shlàn aon-fhigear.

A' cleachdadh fhactaran: eisimpleir 1

Roinn \(1920\) le \(8\,(1920 \div 8)\)

Bhon a tha \(2 \times 2 \times 2 = 8\) airson \(1920\) a roinn le \(8\) feumaidh sinn:

\[1920 \div 2 = 960\]

\[960 \div 2 = 480\]

\[480 \div 2 = 240\]

Mar sin \(1920 \div 8 = 240\)

A' cleachdadh fhactaran: eisimpleir 2

Roinn \(348\) le \(6\) (\(348 \div 6\))

Bhon a tha \(2 \times 3 = 6\) airson \(348\) a roinn le \(6\)feumaidh sinn:

\[348 \div 2 = 174\]

\[174 \div 3 = 58\]

\[348 \div 6 = 58\]

Faodaidh sinn an aon seòrsa dòigh-obrach a chleachdadh airson roinn le \(4\) (roinn le \(2\) agus an uair sin roinn le \(2\) a-rithist) agus \(9\) (roinn le \(3\) agus an uair sin roinn le \(3\) a-rithist).

Tha dòigh-obrach nas foirmeile ann airson roinneadh nas toinnte.