Dè th’ ann an adhbhar putaidh? Dè th’ ann an adhbhar tarraing? Tha an earrann seo a’ coimhead ri nithean a thug air daoine eilthireachd a dhèanamh à Alba aig deireadh an 19mh is toiseach an 20mh linn.
Cuin a dh’fhàg a’ chiad bhàta le prìosanaich Breatainn airson a dhol a dh’Astràilia?
1777
1797
1787
Carson a b’ fheudar do chroitearan air a’ Ghàidhealtachd falbh far an fhearainn aca?
Airson rùm a dhèanamh do bhàrr.
Airson rùm a dhèanamh do thuathanachas chaorach.
Airson rùm a dhèanamh do ghnìomhachasan ùra mar mèinnean guail agus iasgach.
Cuin a bha Bliadhna nan Caorach ann?
1770
1790
1792
Cò chuidich le bhith a’ cur dhilleachdan dhan t-Saoghal Ùr?
Andrew Carnegie
William Quarrier
Mary Slessor
Dè rinn Achd Tuineachadh na h-Ìmpireachd?
Thug i air daoine tuineachadh san t-Saoghal Ùr.
Chaidh prìosanaich a chur a dh’Astràilia.
Fhuair daoine airgead airson an cuideachadh le eilthireachd a dhèanamh.
Dè sgaoil air feadh na Gàidhealtachd sna 1840an?
A’ bhreac
Gaiseadh a’ bhuntàta
Truailleadh
Dè bha riochdairean cèin a’ dèanamh ann an Alba rè nan 1800an agus tràth sna 1900an?
A’ feuchainn ri rùintean-dìomhair an riaghaltais fhaighinn a-mach.
A’ feuchainn ri stad a chur air Albannaich bho dhol a-null thairis.
A’ feuchainn ri Albannaich a bhrosnachadh gu dhol a dh’fhuireach thall thairis.
Carson a rinn cuid de Chrìosdaidhean eilthireachd?
Airson teiche bho dhaoine ann an Alba nach robh nan Crìosdaidhean.
Airson daoine thall thairis nach robh nan Crìosdaidhean iompachadh.
Airson beatha na b’ fhoiseile.