Adhbharan airson eilthireachd

Adhbharan tarraing

Beairteas

A' lorg òr ann an Calafòrnia
A' lorg òr ann an Calafòrnia

Bha Albannaich a' faicinn eilthireachd mar chothrom air beairteas.

Bha fearann pailt. Air taobh an iar Ameireaga agus ann an Canada bha fearann ga thabhann air iasad. Tharraing sin tuathanaich eòlach agus luchd-obrach.

Ann an Astràilia agus ann an Sealan Nuadh, b' e gnìomhachas soirbheachail a bh' ann an tuathanachas cruidh is ann an tuathanachas chaorach.

Nuair a chaidh òr a lorg, thòisich Roid an Òir ann an àiteachan:

  • Air a lorg ann an Calafòrnia ann an 1849.
  • Air a lorg ann an Àstràilia ann an 1850.
  • Air a lorg ann an Afraga a Deas ann an 1855.
  • Thòisich Roid an Òir ann an Sealan Nuadh ann an 1861.

Bha tuineachaidhean ùra a' cur feum air bun-structar ùr, rathaidean, ionadan rianachd, sgoiltean agus eaglaisean. Chruthaich sin mòran obraichean.

Bha am pàigheadh agus cùmhnantan-obrach na b' fheàrr san t-Saoghal Ùr.

Ìmpidh

Thàinig litrichean bho theaghlaichean agus bho charaidean a dh'fhalbh agus iad ag innse cho math 's a bha iad a' faighinn air adhart.

Bha naidheachdan a' sgaoileadh mu dhaoine a bhith a' dèanamh airgead mòr. Bha mòran dhen bheachd gun dèanadh iadsan an aon rud.

Bhiodh sanasan ann am pàipearan-naidheachd ag innse gun robh dòigh-beatha na b' fheàrr a' feitheamh air eilthirich. Bhiodh iad cuideachd a' foillseachadh litrichean bho eilthirich a shoirbhich.

Bhiodh riochdairean à dùthchannan cèin ag obair ann an Alba agus iad a' feuchainn ri Albannaich a bhrosnachadh gu falbh le bhith ag innse mu dhòigh-beatha na b' fheàrr. Bhiodh daoine air bhoil aig na coinneamhan sin agus bha daoine air am brosnachadh gus falbh.

Cuideachadh le airgead

Bhiodh riaghaltasan nan dùthchannan ùra a' tabhann fearann agus cuideachadh le cosgaisean siubhail.

Obair mhiseanairidhean

Bha cuid de dh'eilthirich an dòchas an creideamh Crìosdail a sgaoileadh gu daoine a bha a' fuireach ann an Ìmpireachd Bhreatainn agus ann an dùthchannan eile.

  • B' e am 'misean' aca facal Dhè a sgaoileadh.
  • Bha mòran bhuidhnean Crìosdail a' trèanadh mhiseanairidhean agus a' toirt airgead seachad airson miseanairidhean a chur dhan t-Saoghal Ùr.
Move on to Test
next