Adhbharan airson eilthireachd

Adhbharan putaidh

Bochdainn

Bha cuid dhe na bha a' fuireach air Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan ann am bochdainn uabhasach.

  • Cha robh an talamh torrach agus bha e doirbh bàrr fhàs air.
  • Bha an àireamh-sluaigh a' dol suas agus dh'adhbhraich sin barrachd iarraidh air fearann, obraichean agus taigheadas.
  • Cha robh roghainn aig daoine ach am fearann obrachadh. Seach gun do dh'fhàillig gnìomhachas an iasgaich, an anairt agus na ceilpe, bha cion obrach mòr air a' Ghàidhealtachd.
  • Sgaoil gaiseadh a' bhuntàta air feadh Alba ann an 1847 agus theab na mìltean air a' Ghàidhealtachd bàsachadh leis an acras.

Bha mòran airson fàgail airson dòigh-beatha na b' fheàrr a bhith aca.

Am Monadh a Deas

Chaidh iarraidh airson bathar àiteachais sìos air sgàth farpais bho thall thairis.

Bha dòighean tuathanachais ùra agus barrachd teicneòlais a' ciallachadh nach robh feum air uiread de luchd-obrach airson obair tuathanais.

Cha robh obair eile ri fhaotainn ann an gnìomhachas do dhaoine a bha a' fuireach an sin.

Meadhan Alba

Bha cùisean gu math truagh ann an slumaichean nam bailtean gnìomhachais.

Cha robh cùmhnantan-obrach math – bha na h-uairean fada agus an t-àite-obrach glè thric cunnartach.

Thug cion iarraidh airson greisean mòra eadar 1830 agus 1930 buaidh air gnìomhachasan mar mèinneadh agus gàrraidhean-iarainn.