Adhbharan airson eilthireachd

Bha iomadh adhbhar ann a thug air no a bhrosnaich daoine gus falbh à Alba an dèidh 1830.

Canar adhbharan putaidh ri adhbharan a thug air daoine falbh à Alba.

Canar adhbharan tarraing ri adhbharan a bhrosnaich daoine gus a dhol a-null thairis.

Adhbharan putaidh

Bha iomadh adhbhar putaidh ann a thug air daoine falbh à Alba an dèidh 1830.

Dìteadh Eucorach (air feadh Alba)

Bha Albannaich a dhèanadh eucoir an cunnart an cur a choloinidhean eucorach. Gu 1776, chaidh an cur dha na SA ach ann an 1787 dh'fhàg a' chiad bhàta le prìosanaich à Alba a' dèanamh air Astràilia. Chaidh Astràilia a chleachdadh mar choloinidh eucorach gu 1867.

Na th' air fhàgail de thuineachadh nam prìosanach ann am Port Arthur ann an Tasmania
Na th' air fhàgail de thuineachadh nam prìosanach ann am Port Arthur, Tasmania

Chaidh eucoraich a chur air bàtaichean dhan choloinidh airson diofar dhroch eucoirean. Bha iad glè thric a' faighinn binn 7 no 14 bliadhnaichean no fad-beatha sna coloinidhean agus cha robh mòran dòchais aca air tilleadh a Bhreatainn.

Na Fuadaichean (A' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan)

Bho 1780, chaidh croitearan a chur far an fhearainn aca airson dòigh tuathanachais ùr a stèidheachadh.

Bha oighreachdan le caoraich no sealg na bu phrothaidiche do dh'uachdarain na Gàidhealtachd na bha e leigeil le luchd-màil am fearann a ghabhail air mhàl airson croitearachd.

Tobhtaichean thaighean-croite
Tobhtaichean thaighean-croite

Bha na h-uachdarain ag iarraidh prothaid agus cha robh iad a' faighinn gu leòr bho mhàl no bho bhàrr.

1792 – Bliadhna nan Caorach: eilthireachd mhòr bhon Ghàidhealtachd dhan t-Saoghal Ùr.

Brosnachadh Airgid (air feadh Alba)

Buidhnean Carthannais

  • Chaidh dilleachdain a chur gu teaghlaichean san t-Saoghal Ùr le William Quarrier bho na 1870an.
  • Bha an YMCA a' cuideachadh ghillean gus eilthireachd a dhèanamh sa chiad chuid dhe na 1900an.
  • Chaidh Comann Eilthireachd Boireannaich Bhreatainn a stèidheachadh ann an 1901 gus boireannaich fhoghlamaichte bhon mheadhan-chlas a chuideachadh gus eilthireachd a dhèanamh.

Riaghaltas Bhreatainn

  • Thug iad seachad £10,000 gus croitearan a chuideachadh le eilthireachd sna 1880an.
  • An dèidh a' Chiad Chogaidh Mhòir, stèidhich iad Comataidh airson Tuineachadh Thall Thairis gus feadhainn a chleachd a bhith nan saighdearan a chuideachadh gus eilthireachd a dhèanamh.
  • Sna 1920an agus na 1930an, thug Achd Tuineachadh na h-Ìmpireachd maoin do dhaoine a bha airson eilthireachd a dhèanamh.

Uachdarain

  • Bha cuid de dh'uachdarain deònach croitearan a phàigheadh airson am fearann aca fhàgail.
  • An dèidh 1847, gheibheadh uachdarain taic bhon riaghaltas airson sin a dhèanamh.