Listening passage, transcript and key words

Listening practice monologue – Working as a lorry driver.

Full transcript - Working as a lorry driver - monologue.

Bha fios agam a-riamh dè an obair a bha mi ag iarraidh. 'S e dràibhear làraidh a bhiodh annam. Nuair a bha mi beag, bhithinn tric a' cluich le làraidhean, digearan agus rudan mar sin. Cha robh mise ag iarraidh obair nighinn idir - ge b' e dè tha sin!

Mus b' urrainn dhomh làraidhean a dhràibheadh, bha agam ri cead fhaighinn airson càr a dhràibheadh an toiseach. Cha tug sin fada agus nuair a bha mi eòlach gu leòr air, chuir mi a-steach airson deuchainn na làraidh mhòir. Bha a' chiad turas a bha mi air cùl na cuibhle ann an làraidh cho math. Chòrd e rium a bhith shuas àrd.

Bidh mi a-nis a' dràibheadh do bhùth mhòr le làraidh làn rudan leithid biadh, aodach, dèideagan; rud sam bith air an smaoinich thu. 'S iad na rudan as cudromaiche san obair seo a bhith faiceallach agus sàbhailte, gun a bhith ann an cabhag. Feumaidh dràibhear stad airson trì chairteil na h-uarach gach ceithir uairean gu leth. Chan fhaod sinn nas fhaide na caogad 's a sia uairean a thìde a dhràibheadh gach seachdain.

Tha na dràibhearan eile a-riamh air a bhith math dhomh. Corra uair bhiodh duine crosta rium, ach cha b' ann tric a thachair e. Tha barrachd is barrachd bhoireannach a' dràibheadh làraidhean a-nis cuideachd agus 's math sin.

'S e obair mhath a th' ann. Tha e a' còrdadh rium an-diugh a cheart cho math 's a bha mi an dòchas nuair a bha mi nam nighean bheag.

Key vocabulary from this Revision Guide and Test

Digearan – diggers
Cead – permission
Air cùl na cuibhle – behind the wheel
Cairteal na h-uarach – quarter of an hour
Corra uair – sometimes
Cha b' ann tric a thachair e – it didn't happen very often
Nuair a bha mi nam nighean bheag – when I was a little girl
Move on to Test
next