Buaidh pàtrain malairt an t-saoghail air daoine agus an àrainneachd

Daoine

Mo dhinichean agus dlùth-chruinneas

Saothair chloinne air planntachasan còco ann an Ghana (pàirt 3/3)

  • Bidh daoine ann an dùthchannan fo leasachadh ag obrachadh uairean fada airson glè bheag de phàigheadh, me anns na h-Innseachan tha daoine beò air nas lugha na £1 san latha.
  • Inbhe beòshlaint ìosal – chan eil airgead ann airson a chosg air foghlam, cùram slàinte no bun-structar gus an dèanamh nas fheàrr.

Factaraidh aodaich sna h-Innseachan

  • Tha suidheachaidhean agus modhan obrach uabhasach truagh.
  • Seach nach eil laghan obrach ann, chan eil daoine air an coimhead às an dèidh gu math, me cha bhi iad a' faighinn cothrom stad airson biadh no airson beagan fois.
  • Tha bàrr airson airgead, mar cofaidh agus cotan, gam fàs airson mach-bhathar. Tha iad sin a' falbh le talamh a tha riatanach do mhuinntir an àite gus biadh fhàs airson a bhith beò.
  • Feumaidh clann a dhol a dh'obair airson na teaghlaichean aca a chuideachadh – tha 30 millean pàiste ag obair ann am factaraidhean sna h-Innseachan.

An àrainneachd

  • Tha dìth laghan is phoileasaidhean cruaidh ann an dùthchannan fo leasachadh a' ciallachadh gum faod factaraidhean an àrainneachd a thruailleadh gun pheanas sam bith mar càin mhòr a chur orra no an cur fo chasaid.
  • Tha cur bàrr airson airgead mì-nàdarra agus tha sreathan thar shreathan dhen aon seòrsa craoibh a' milleadh coltas an dealbh-thìre.
  • Tha bleith ùir agus milleadh-fearainn cumanta far a bheil bàrr airson airgead a' toirt mathachadh riatanach às an talamh.
  • Tha todhar agus puinnsean phlàighean gan cleachdadh airson barrachd bàrr fhàs, ach tha sin a' truailleadh aibhnichean is stòrasan uisge.