Dlùth-chruinneas

Adhbharan airson dlùth-chruinneas

Tha adhartas ann an teicneòlas air adhartas mòr a thoirt air còmhdhail agus mar sin, gabhaidh bathar amh agus seirbheisean a ghluasad nas luaithe agus thèid aig daoine air siubhal nas luaithe. Tha puirt-stòraidh a' ciallachadh gum faodar barrachd bathair agus stuthan amh a ghluasad agus a chur air bàtaichean-bathair mòra.

Bha mòr-dhèanamh bathair a' ciallachadh gun robh caomhnadh a rèir sgèile ann. Tha sin a' ciallachadh gu bheil prìs gach nì nas saoire nuair a tha an obair air sgèile nas motha airson gum bi prothaid nas motha ann.

Tha buidhnean mar Buidheann Malairt na Cruinne (WTO: World Trade Organisation) a' brosnachadh saorsa malairt eadar dùthchannan, agus tha sin a' cuideachadh le bhith a' cur às do bhacaidhean eadar dùthchannan.

Tha an t-eadar-lìon agus teicneòlas gluasadach a' ciallachadh gu bheil ceanglaichean nas fheàrr air feadh an t-saoghail agus nach eil àitichean cho iomallach – thèid aig daoine air feadh an t-saoghail air conaltradh sa bhad.

Chan eil cosgaisean a thaobh luchd-obrach cho mòr ann an dùthchannan mar na h-Innseachan, Sìona agus Brasil agus tha sàr sgilean aca. Thèid aig gnìomhachasan a dh'fheumas dlùth-obair, mar gnìomhachas an aodaich, air brath a ghabhail air cosgaisean nas lugha a thaobh luchd-obrach, agus chan eil uiread de bhacaidhean laghail ann an dùthchannan fo leasachadh.

Tha corparaidean ioma-nàiseanta air leudachadh do mhargaidean agus do dh'àitichean dèanaimh ùra airson gum bi iad fhathast a' dèanamh prothaid. 'S urrainn do chompanaidhean mar IKEA iad fhèin a stèidheachadh taobh a-muigh nan dùthchannan aca fhèin airson cothrom fhaotainn air margaidean ùra dhan bhathar aca agus airson brath a ghabhail air stuthan bho chompanaidhean ionadail.

Corparaidean ioma-nàiseanta

Tha dlùth-chruinneas a' ciallachadh gu bheil mòran chompanaidhean a' tòiseachadh, no a' ceannach, chompanaidhean ann an dùthchannan eile. Nuair a bhios companaidh à dùthaich chèin a' cur airgead-tasgaidh ann an dùthaich, 's dòcha le bhith a' togail factaraidh no bùth, canar tasgadh a-steach ris. Canar corparaidean ioma-nàiseanta (MNC: multinational corporation) no corparaidean thar-nàisean (TNC: transnational corporation) ri companaidhean a tha ag obrachadh ann an grunn dhùthchannan. 'S e MNC mòr a th' ann am McDonalds, an companaidh biadh-luath bho na Stàitean Aonaichte tha mu 30,000 taigh-bìdh aca ann an 119 dùthchannan.

Eisimpleirean de chorparaidean ioma-nàiseanta

Stèisean-peatrail Shell anns an RA
Stèisean-peatrail Shell anns an RA
McDonalds ann an Kazan, An Ruis
McDonalds ann an Kazan, An Ruis

Tha a' mhòr-chuid de MNCs bho dhùthchannan leasaichte mar na SA agus an RA. Bidh mòran chorparaidean ioma-nàiseanta a' cur airgead-tasgaidh ann an dùthchannan leasaichte eile. Tha Ford, an companaidh chàraichean às na SA, mar eisimpleir a' dèanamh tòrr chàraichean san RA. Ach bidh MNCs cuideachd a' cur airgead-tasgaidh ann an dùthchannan fo leasachadh – mar eisimpleir, tha bùithtean a-nis aig a' chompanaidh DIY Breatannach, B&Q, ann an Sìona.

Nithean a dh'fhaodadh MNCs a thàladh gu dùthaich:

  • stuthan amh a tha saor
  • luchd-obrach saor
  • deagh chòmhdhail
  • faighinn gu margaidean far a bheil am bathar ga reic
  • poileasaidhean riaghaltais a tha cuideachail