Nadsaidhean a' daingneachadh an cumhachd

Hitler a' dèanamh òraid
Hitler a' dèanamh òraid

Thug na tachartasan a leanas comas do Hitler agus dha na Nadsaidhean an grèim air cumhachd a dhaingneachadh agus b' e deireadh na cùise gun d' fhuair Hitler làn chumhachdan deachdaireachd agus an tiotal, Führer.

An Gearran 1933

  • Fhuair na Nadsaidhich smachd air siostam poilis na Gearmailt.

5 Màrt 1933 - Taghadh Coitcheann

  • Bhuannaich na Nadsaidhich 288 suidheachain san Reichstag.
  • Ged nach tug e mòr-chuid dha na Nadsaidhich, thug e dhaibh suidheachain gu leòr gus Achd a' Chomasachaidh a chur an gnìomh.

20 Màrt 1933

  • Chaidh a' chiad champaichean cruinneachaidh a stèidheachadh airson phrìosanach poilitigeach.

23 Màrt 1933 - Achd a' Chomasachaidh

  • Bha an SA a' bagairt air a h-uile duine eile nach robh nam buill Nadsaidheach san Reichstag.
  • Mar thoradh air an sin, bhòt an Reichstag cumhachdan a thoirt do Hitler a leigeadh leis laghan a dhèanamh e fhèin.

26 Giblean 1933

  • Rinn na Nadsaidhean ath-rianachd agus fhuair iad smachd air riaghaltas ionadail.
  • Stèidhich Hitler an Gestapo, buidheann trusadh fiosrachaidh na Gearmailt Nadsaidhich.

2 Cèitean 1933

  • Chaidh cur às do dh'aonaidhean-ciùird agus chaidh na ceannardan aca a chur an grèim. Chuir sin às do dhòigh eile air cur an aghaidh an riaghaltais.
  • Chaidh Comann-obrach na Gearmailt a stèidheachadh nan àite, agus thug sin smachd dha na Nadsaidhean air luchd-obrach na Gearmailt.

20 Ògmhios 1933 - Concordat

  • Rinn Hitler aonta cuide ris a' Phàp ag ràdh gum biodh Eaglais Chaitligeach na Ròimhe air a dìon, ach gum cumadh an Eaglais a-mach à cùisean poilitigeach.
  • Thug sin cothrom do Hitler cur às dhan phàrtaidh Zentrum Chaitligeach gun ghearan bhon Eaglais Chaitligich.

14 Iuchar 1933

  • Chaidh a h-uile pàrtaidh poilitigeach a chasg ach a-mhàin am Pàrtaidh Nadsaidheach.
  • Chuir sin às do dheamocrasaidh oir cha robh feum air taghaidhean agus bha stàit le aon phàrtaidh air a chruthachadh.

24 Giblean 1934 - Cùirtean nan Daoine

  • Stèidhich Hitler cùirtean far am feumadh na britheamhan bòid dìlseachd a thoirt dha na Nadsaidhean.
  • Thug sin barrachd cumhachd dha na Nadsaidhean a thaobh binn a thoirt air nàimhdean poilitigeach agus air daoine a bha air am meas mar eucoraich.

30 Ògmhios 1934 - Oidhche nan Sgeinean Fada

  • Dh'adhbhraich an SA duilgheadasan le bhith ag iarraidh an t-arm a ghabhail thairis.
  • Cha dèanadh math do Hitler call taic an airm no taic an luchd-gnothachais, a bha an aghaidh nan leasachaidhean sòisealta a bha an SA ag iarraidh.
  • Mhurt an SS mòran de cheannardan an SA. Gu h-oifigeil chaill faisg air 100 ball am beatha, an ceannard, Ernst Röhm, nam measg.
  • Chuir sin às dhan h-uile duine a bha an aghaidh Hitler sa Phàrtaidh Nadsaidheach. Thug e cuideachd barrachd cumhachd dhan SS.

19 Lùnastal 1934 - Am Führer

  • Chaochail an Ceann-suidhe Hindenburg leis an aois.
  • Dh'aonaich Hitler dreuchdan a' Chinn-suidhe agus an t-Seansalair agus chaidh e na Cheannard air Arm na Gearmailt.
  • Ghabh e an tiotal Führer agus bha làn chumhachdan deachdaire aige.