Teine an Reichstag

Chaidh a' choire airson teine an Reichstag air Marinus van der Lubbe
Marinus van der Lubbe

Air an 27 Gearran 1933, chaidh togalach an Reichstag, an togalach a bha mar dhachaigh aig Pàrlamaid na Gearmailt, a losgadh gu talamh. Chaidh a' choire air na Comannaich, oir chaidh Comannach Dùitseach air an robh van der Lubbe, a lorg san togalach fhad 's a bha e na theine.

Chleachd Hitler an teine gu buannachd a' Phàrtaidh Nadsaidhich ann an dà dhòigh.

  • Chuir e na Comannaich a-mach às a' phàrlamaid, agus chuir e mòran de cheannardan nan Comannach dhan phrìosan. Chuir sin stad orra bho bhith ag iomairt ro na taghaidhean sa Mhàrt.
  • Thuirt e gun robh an dùthaich ann an cunnart bho na Comannaich rè iomairt an taghaidh. Thug sin air mòran dhaoine bhòtadh dha na Nadsaidhich, oir bha coltas gun robh iad an aghaidh nan Comannach.

Chuidich an dà nì sin na Nadsaidhich gus barrachd shuidheachan a bhuannachadh san taghadh air 5 Màrt 1933, agus chuir e an cuid dhen bhòt suas bho 33% gu 44%. Thug sin dha na Nadsaidhean, agus dha na caidrich aca, Pàrtaidh Nàiseanta Muinntir na Gearmailt (a fhuair 8% dhen bhòt), mòr-chuid de 52% san Reichstag.

Bha teine an Reichstag cho buannachdail dha na Nadsaidhich 's gun robh cuid ag ràdh gun do chuir iad fhèin teine ris.