An suidheachadh sa Ghearmailt

Eagal gun sgaoileadh Comannachd

  • Bha comannaich a' creidsinn gur e mèirle a bh' ann an sealbh prìomhaideach fearainn is maoin. Cha robh uachdarain fearainn agus luchd-gnothachais na Gearmailt idir airson gum faigheadh na comannaich buaidh phoilitigeach.
  • Bha na Nadsaidhich gu tur an aghaidh comannachd, agus bhiodh an SA glè thric a' toirt ionnsaigh air buidhnean comannach anns na tallaichean leanna agus air na sràidean. Thug sin air mòran dhe na h-uachdarain fearainn agus dhen luchd-gnothachais taic a thoirt dha na Nadsaidhich.

Buaidh briseadh Wall Street

Sluagh fo iomagain taobh a-muigh Ionad-malairt New York air latha Briseadh Wall Street
Sluagh fo iomagain taobh a-muigh Ionad-malairt New York air latha Briseadh Wall Street
  • Bha am briseadh san eaconamaidh sna SA a' ciallachadh gun deach na h-iasadan a thugadh dhan Ghearmailt fo Phlana Dawes ann an 1924, iarraidh air ais.
  • Cha b' urrainn do dh'eaconamaidh na Gearmailt seasamh ris an sin, agus dhùin gnothachasan agus chaill mòran Ghearmailteach an obair.

Mar a chuidich briseadh san eaconamaidh Hitler a' tighinn gu cumhachd

Cùisean poilitigeach

  • San taghadh san Iuchar 1932, fhuair na Nadsaidhean barrachd bhòtaichean na pàrtaidh sam bith eile. Chaidh dreuchd Iar-sheansalair a thabhann do Hitler ann an co-bhanntachd còmhla ri von Papen agus von Schleicher. Dhiùlt e sin, oir cha robh e airson gum biodh ceangal sam bith aige ri riaghaltas a bha a' fàilligeadh agus gun chomas aige càil a dhèanamh mu dheidhinn.
  • An dèidh an taghaidh san t-Samhain 1932, dhiùlt Hitler a bhith na Sheansalair oir dh'fheuch an Ceann-suidhe Hindenburg ri a chumhachd a lùghdachadh.
  • San Fhaoilleach 1933, ghabh Hitler ri bhith na Sheansalair. Thachair sin an dèidh do von Papen toirt a chreidsinn air Hindenburg gun cumadh e smachd air Hitler san dreuchd mar Iar-sheansalair.