Na rinn na Nadsaidhean

Dh'fhaodaist argamaid a dhèanamh gun tug na rinn na Nadsaidhean an dèidh Putsch an Talla Leanna gu cumhachd iad. Ach dh'fhaodaist cuideachd a ràdh gun tàinig iad gu cumhachd air sgàth 's mar a bha cùisean sa Ghearmailt aig an àm.

Gan dèanamh fhèin tarraingeach dha na Gearmailtich gu lèir

Rinn na Nadsaidhean iad fhèin na bu mhòr-chòrdte oir bha iad a' toirt a chreidsinn air daoine gun robh fuasgladh aca dhan h-uile duilgheadas a bh' aig a' Ghearmailt. Ghabh iad ri poileasaidhean dham biodh diofar bhuidhnean Gearmailteach taiceil. Bha iad tarraingeach dha na:

  • Sòisealaich – gheall iad gum faigheadh tuathanaich am fearann aca; bhiodh peinnsean na b' fheàrr aig daoine; agus bhiodh gnìomhachasan poblach, mar dealan agus uisge, fo sheilbh na stàite.
  • Nàiseantaich – gheall iad gun deigheadh a h-uile duine a bha a' bruidhinn Gearmailtis aonachadh ann an aon dhùthaich; dheigheadh cur às do Chùmhnant Versailles; agus bhiodh laghan sònraichte ann do dhaoine à dùthchannan cèin.
  • Luchd-gràin-cinnidh – gheall iad nach biodh Iùdhaich nan saoranaich Gearmailteach agus gun stadadh in-imrich.
  • Fascists – gheall iad riaghaltas làidir meadhain agus smachd air pàipearan-naidheachd.
  • Luchd-gnothachais, uachdarain fearainn, daoine beairteach agus an t-Arm – gheall iad gun tòisicheadh ath-armailteachadh agus gum faigheadh Gearmailtich na cùmhnantan. Gheall iad cuideachd dìon bho na Comannaich.
  • Daoine gun chosnadh agus luchd-obrach – gheall iad barrachd cosnaidh agus tuarastail.

Dè bha tarraingeach mu na Nadsaidhean?

Ceannardas carasmataig

  • Bha Hitler mòr-chòrdte agus èifeachdach nuair a bha e a' labhairt gu poblach, agus bha sin aig àm nuair a bha aig luchd-poilitigs ri bruidhinn gu math tric aig coinneamhan poblach.
  • Chleachd e na coinneamhan sin airson innse do mhòran Ghearmailteach na bha iad ag iarraidh a chluinntinn – gun robh pàrtaidh poilitigeach ann a bheireadh fuasgladh air a h-uile duilgheadas a bh' aca.
  • Chleachd e cànan sìmplidh agus abairtean goirid airson an teachdaireachd a chur thairis.
  • Bha coltas air gun robh spionnadh agus dealas ann: bha coltas air gun robh uallach air mu staid nan Gearmailteach.

Hitler air a thaghadh mar Sheansalair

A' cleachdadh propaganda

Postair propaganda
Postair propaganda - "A mhnathan na Gearmailt, smaoinichibh air a' chloinn agaibh – Bhòt do Hitler"

Chuir Hitler fear air an robh Josef Goebbels os cionn propaganda nan Nadsaidheach. Anns an iomairt aca sna 1920an, bha na Nadsaidhich a' cleachdadh rèidio, ralaidhean mòra, pàipearan-naidheachd (me 'Der Sturmer'), òraidean Hitler agus postairean.

Chleachd na Nadsaidhich slògain shìmplidh airson am beachdan a chur an cèill, agus airson an dèanamh tarraingeach do shluagh na Gearmailt.

Rianachd a' phàrtaidh

  • Bha na Nadsaidhean ann an iomadh baile agus mòr-bhaile sa Ghearmailt, agus bha mòran oifisean ionadail aca. Bhiodh buill a' phàrtaidh Nadsaidhich ag obair gu h-èifeachdach ann a bhith a' sgaoileadh phoileasaidhean tro phropaganda.
  • Bha coltas gur e buidheann làidir a bha san SA (Sturmabteilung, na brownshirts) agus gun dìonadh iad a' Ghearmailt bho na nàimhdean aice – an dà chuid air an taobh a-staigh agus air an taobh a-muigh.
  • Bha comas aig na Nadsaidhich air na h-iomairtean aca a mhaoineachadh bho 'ghnìomhachas mòr'. Bha mòran de luchd-gnìomhachais beairteach na Gearmailt a' toirt taic dha na Nadsaidhich agus bha iad airson gum faigheadh na Nadsaidhich cumhachd. Bha e comasach dha na Nadsaidhich pàigheadh airson iomairtean mòra, daora an taghaidh sna 1930an air sgàth taic Hugenberg, fear-gnothachais a bha air leth cudromach ann am pàipearan-naidheachd, agus Thyssen, fear-gnothachais ann an stàilinn.