A' reic nan tràillean

Aon uair 's gun ruigeadh bàta thràillean an Caribbean, bhiodh na tràillean air an reic aig rup. Dh'fheumadh na tràillean a bhith air am faighinn deiseil an toiseach. Bhiodh iad a' suathadh ola air an craiceann airson gum biodh iad a' coimhead fallain. Ma bha lotan cuipidh air druim tràill eas-umhail, bha iad air an lìonadh le teàrr airson nach faiceadh duine gur e tràill a bh' ann nach gabhadh ri smachd. Glè thric dheigheadh cinn thràillean na bu shine a shèabhaigeadh gus nach faiceadh duine ròineagan liatha.

Bha dà dhòigh air na tràillean a reic:

Aig an rup, bhiodh na tràillean air an reic fa leth no ann am buidheann.

B' e an dòigh eile am 'brùchdadh'. An sin bha na tràillean air an cumail ann an crò, no seòrsa de phàirc. Bhiodh an luchd-ceannach a' pàigheadh sùim àraidh ro-làimh. Nuair a phàigheadh a h-uile duine, bha an geata ga fhosgladh agus bhiodh an luchd-ceannach uile a-ruith, no a' brùchdadh, a-steach còmhla agus a' breith air na tràillean a bha iad ag iarraidh.

Rupan thràillean

Chante 'sgudal' ris na tràillean a bh' air fhàgail. Dheigheadh iad sin a reic saor ri duine sam bith a bhiodh gan iarraidh, agus glè thric bha am bàs a bha romhpa gu math luath. Bhiodh tràill sam bith a dhèanadh srì no sabaid air an cur a 'champaichean grèidhidh' – campaichean airson an 'ionnsachadh'.

Move on to Test
next