Eaconamachd agus beatha air an t-Slighe Mheadhain

Beatha nan tràillean air an t-Slighe Mheadhain

Chante an t-Slighe Mheadhain ris a' bhòidse eadar Afraga agus Saoghal Ùr Ameireaga. Bhiodh bàtaichean nan tràillean a' toirt eadar sia seachdainean agus aona seachdain deug air an t-slighe.

Bha bàtaichean a' dèanamh airgead le bhith a' toirt leotha na b' urrainn dhaibh de thràillean thar an Atlantaig airson an reic aig rup. Bha dà dhòigh air am bàta a luchdachadh:

1) Air a luchdachadh gu dlùth - bha an dòigh seo a' ciallachadh gun robh uiread 's a ghabhadh de thràillean gan cur a tholl a' bhàta.

Bhathar a' sùileachadh gum bàsaicheadh cuid, ach bhiodh còrr is leth dhiubh fhathast beò aig deireadh na bhòidse. Cha robh toll a' bhàta uabhasach mòr: bha e dìreach còig troighean a dh'àirde, le sgeilp timcheall an oir airson fiù 's barrachd thràillean a ghiùlan. Bha na tràillean cho faisg air a chèile 's gun tuirt aon chaiptean gun robh iad mar 'leabhraichean air sgeilp'.

2) Air a luchdachadh meadhanach dlùth - cha robh uiread de thràillean gan cur còmhla agus bha barrachd rùm aca airson sìneadh.

Cha robh uiread de thràillean a' bàsachadh air a' bhòidse. Fiù 's ged nach robh uiread de thràillean air bòrd, bhiodh barrachd dhiubh beò aig deireadh na bhòidse agus mar sin cha robh uiread de dh'airgead ga chall.

Beatha air a' bhòidse

Glè bheag de rùm

  • Cha b' urrainn dha na tràillean a dhol dhan toidhleat.
  • Bha tinneas a' sgaoileadh gu math luath.
  • Bha tràillean ceangailte còmhla le sèinichean. Nam bàsaicheadh tràill, 's dòcha gum biodh e fhathast san toll fad uairean a thìde agus e fhathast ceangailte ri tràillean beò.
  • Bha an suidheachadh san toll dìreach uabhasach – dorcha, gun èadhar ghlan agus le droch fhàileadh. Bha an teas agus an èadhar shalach cho dona 's nach gabhadh coinneal.
Dealbh de bàta thràillean a' sealltainn mar a bha cùisean do thràillean air a' bhòidse
Bàta thràillean

Biadh

  • Glè thric cha b' urrainn dha na tràillean Afraganach am biadh a bh' aig a' chriutha Eòrpach a chnàmh agus bha sin a' dèanamh an tinneis na bu mhiosa. Bha mòran dhiubh a' fàs lag gu math luath agus a' bàsachadh.
  • Glè thric bha biadh air a dhiùltadh do thràillean tinn agus bha iad air am fàgail gus am bàsaicheadh iad.

Droch làimhseachadh agus nàrachadh

  • Bha an criutha glè thric ri droch làimhseachadh nan tràillean – dh'fhaodadh boireannaich a bhith air an èigneachadh.
  • San àbhaist dh'fheumadh tràillean dannsa air an deic airson uair a thìde gach latha airson an cumail fiot. Mura dèanadh iad sin, bha an criutha gan cuipeadh gu dona.
  • Bhiodh cuid de thràillean a' cur às dhaibh fhèin.

Thathar a' tuairmse gun do bhàsaich eadar 15-16% de thraillean air an t-Slighe Mheadhain.

Cuspair Sgrùdaidh: An 'Zong' (1781-83)

B' e bàta thràillean a bha san Zong agus bha cus dhaoine air bòrd nuair a chaidh i thar an Atlantaig ann an 1781. Air sgàth mearachd seòlaidh, cha do ruig am bàta a ceann-uidhe sa Charibbean nuair a bha còir aice agus bha i trì seachdainean a bharrachd aig muir. Bha uisge-òil air fàs gann agus bha tinneas air sgaoileadh.

Chaidh mu 159 tràillean Afraganach a shadail dhan mhuir agus am bàthadh oir nam biodh iad air bàsachadh air bòrd, cha bhiodh an criutha air airgead àrachais fhaighinn airson a' chargu a chailleadh. Thugadh an criutha gu cùirt ann an 1783, ged a chaidh èisteachd ris a' chùis mar dheasbad àrachais seach mar chùirt airson murt.

Tràillean gan sadail dhan mhuir far an Zong air an robh cus dhaoine
Tràillean gan sadail dhan mhuir far an Zong air an robh cus dhaoine

Thàinig a' chùis sin gu bhith na samhla air uabhasan na Slighe Mheadhain agus chuir e spionnadh ris an iomairt airson cur às do mhalairt nan tràillean.

An t-Slighe Mheadhain (An Zong)