A' bhuaidh air puirt ann am Breatainn

Dè cho farsaing 's a bha malairt nan tràillean?

Tha an clàr gu h-ìosal a' sealltainn àireamhan malairt bhàtaichean nan tràillean tro phrìomh phuirt Bhreatainn ann an 1771.

Àireamhan malairt bhàtaichean nan tràillean - puirt Bhreatainn 1771
PortÀireamhan bhàtaicheanTràillean
Liverpool10729,250
Lunnainn588,136
Bristol238,810
Lancaster4950

Bha Glaschu aig an àm an sàs san dara leth de mhalairt an tombaca, agus bha an gnìomhachas sin gu mòr an urra ri obair thràillean a bha a' fàs tombaca ann an coloinidhean Bhreatainn ann an Ameireaga.

Dè a' bhuaidh a thug malairt nan tràillean air puirt ann am Breatainn?

Thug malairt nan tràillean beairteas mòr dha na puirt ann am Breatainn a bha an sàs ann.

Am beairteas a chruthaich luchd-malairt thràillean Bhreatainn

Dh'fhàs iomadh mòr-bhaile eile beairteach air prothaidean ghnìomhachasan a bha an urra ri stuthan a rinn tràillean mar cotan, siùcar agus tombaca.

Dh'fhalbh mòran bhàtaichean le tràillean à puirt mar Bristol, Liverpool agus Glaschu gach bliadhna, agus thug iad sin soirbheachadh mòr dhan fheadhainn dham buineadh iad.

B' e 1792 a' bhliadhna a bu thrainge a bha malairt nan tràillean ann am Breatainn. Dh'fhàg 204 bàta Sasainn airson tràillean a thoirt à Afraga a dh'Ameireaga. Bha sin mu cheithir bàtaichean gach seachdain.

Alba agus gnìomhachas nan tràillean