Malairt an triantain

Map a’ sealltainn malairt thriantanach aig àm malairt nan tràillean agus àiteachan a bha na lùib

B' e 'malairt an triantain' an t-slighe seòlaidh a bha bàtaichean thràillean Bhreatainn a' gabhail. Bha trì ceumannan air an t-slighe:

1) Bhiodh bàta thràillean à Breatainn a' fàgail Liverpool no Bristol airson a dhol a dh'Afraga agus iad a' giùlan bathar malairt.

Bha cuid dhe na tràillean air an glacadh gu dìreach le bàtaichean Bhreatainn.

Bha a' mhòr-chuid de bhàtaichean thràillean a' faighinn nan tràillean bho 'bhàillidhean' Breatannach a bha a' fuireach ann an Afraga agus a bha a' ceannach thràillean bho cheannardan nan treubhan ionadail. Bhiodh na tràillean air am mèarrsadh chun a' chosta, ceangailte le sèine, far an robh iad air an cumail ann am prìosain ris an cante 'factaraidhean'.

Malairt thràillean thar an Atlantaig

2) Bhiodh am bàta an uair sin a' dol thar an Atlantaig dha na h-Innseachan an Iar – chante an 'Turas Meadhain' ris a' chuid sin dhen t-slighe.

Nuair a ruigeadh iad na h-Innseachan an Iar, bha na tràillean an uair sin gan reic aig rup.

3) Bhiodh cuid de bhàtaichean an uair sin air an luchdachadh le siùcar agus le ruma airson a reic ann am Breatainn nuair a thilleadh iad dhachaigh.

Malairt an triantain