Rianachd agus nàdar malairt nan tràillean

Suas chun an 19mh linn, bha an dà chuid riaghladairean Afraganach agus luchd-malairt Eòrpach deònach a bhith ri malairt thràillean.

Malairt nan tràillean a' tòiseachadh

Thòisich malairt nan tràillean nuair a bha luchd-malairt à Portagail agus às an Spàinn a' toirt thràillean à Afraga dha na coloinidhean Ameireaganach a chuir iad fodha sa 15mh linn. Chaidh mu 350,000 Afraganach a thoirt a dh'Ameireaga mar thràillean san dòigh sin.

Malairt nan tràillean a' tòiseachadh san Atlantaig

Breatainn agus malairt nan tràillean

Dealbh de Sir John Hawkins a' chiad chaiptean-mara Sasannach a bha ri malairt thràillean
Sir John Hawkins

Chaidh seòladairean Breatannach an sàs ann am malairt nan tràillean san 16mh linn. Thòisich spùinneadairean Sasannach air tràillean a reic ris na coloinidhean Spàinnteach. B' e Sir John Hawkins a' chiad chaiptean-mara Sasannach a rinn sin. Chunnaic dùthchannan eile mar a rinn e agus cha b' fhada gus an do rinn iad fhèin an aon rud.

Cùmhnant Utrecht

Ann an 1713, chaidh Cùmhnant Utrecht a shoidhnigeadh. Thug an Spàinn an cùmhnant, ris an canar an Asiento, do luchd-malairt thràillean ann am Breatainn airson 144,000 tràill gach bliadhna a chur dhan roinn Spàinntich de dh'Ameireaga a Deas. An dèidh 1700, chaidh an àireamh thràillean a bha gan gluasad am meud gu mòr.

Tha tuairmse ann gun deach mu 12 millean Afraganach a ghlacadh airson an toirt a dh'Ameireaga mar thràillean.

Càit an deach na tràillean?

  • Chaidh còrr is 55% dhe na tràillean a dh'Ameireaga a Deas a bha leis an Spàinn.
  • Chaidh mu 35% a thoirt dha na h-Innseachan an Iar.
  • Chaidh na bu lugha na 5% de thràillean a reic ann an Ameireaga a Tuath.
Map de mhalairt nan tràillean, a’ sealltainn a’ cheudad de thràillean a thugadh do dhiofar dhùthchannan

Ann an 1770 chaidh mu 100,000 tràill a chur à Afraga a dh'Ameireaga. Chaidh mu 50,000 dhiubh sin ann air bàtaichean Breatannach.

Bha bàtaichean malairt Bhreatainn a' gabhail pàirt ann am malairt nan tràillean gus an deach cur às dha ann an 1807.