Cò bha an aghaidh nan Nadsaidhean?

Dùbhlan bhon eaglais

  • Bha cuid de shagairt Chaitligeach an aghaidh Hitler.
  • Chaidh Àrd-easbaig Caitligeach Mhunster os cionn iomairt shoirbheachail airson stad a chur air iutanàsia dhaoine le tinneas inntinn.
  • Stèidhich mòran mhinistearan Pròstanach, fo stiùireadh Martin Niemöller, an Eaglais Aidmheileach agus iad an aghaidh Eaglais Reich Hitler.

Cion dùbhlan Crìosdaidh

Dùbhlan bho òigridh

Na Meuten

  • Buidhnean de dheugairean bhon obair-chlas agus inbhich òga.

Na Swing Kids

  • Bha an gluasad a' toirt dùbhlan do Hitler a bha ag ràdh gum feumadh a h-uile deugair Gearmailteach a bhith ann am buidheann òigridh Nadsaidheach.
  • Chaidh iad an aghaidh ìomhaigh nan Nadsaidheach dhen òigridh le bhith a' leigeil lem falt fàs agus le bhith a' cur orra aodach fasanta.
  • Bhiodh iad cuideachd ag èisteachd ri ceòl swing, ceòl a bha na Nadsaidhean a' faicinn mar cheòl Dubh, agus bhiodh iad a' coinneachadh ann an tallachan dannsa dìomhair. Glè thric dh'adhbhraich sin còmhstri ri Òigridh Hitler agus ris na buidhnean tèarainteachd.

An Ròs Geal

  • Air a stèidheachadh le oileanaich ann an Oilthigh Mhunich. Bha iad a' foillseachadh bhileagan a bha an aghaidh nan Nadsaidhean, ach chaidh an lorg agus an cur gu bàs ann an 1943.

Spùinneadairean Edelweiss

  • Bhiodh iad a' peantadh shlògain an aghaidh nan Nadsaidhean, a' dìon luchd-teiche agus a' toirt màlaich air oifigearan Nadsaidheach. Ann an 1944, mharbh Spùinneadairean Chologne Ceannard a' Ghestapo.