An aghaidh nan Nadsaidhean

Cha robh mòran an aghaidh Hitler gu follaiseach.

Carson nach robh mòran an aghaidh nan Nadsaidhean?

  • Chaidh a h-uile pàrtaidh poilitigeach eile a chasg san Iuchar 1933.
  • Tro chasg agus propaganda, chuir na Nadsaidhich às do ghuthan nan aghaidh sna meadhanan.
  • Chaidh aonaidhean ciùird a chasg sa Chèitean 1933.
  • Bha an t-eagal air na Gearmailtich gun deigheadh an cur fo chasaid gur e luchd-brathaidh a bh' annta, gun deigheadh an ceasnachadh leis a' Ghestapo agus gun deigheadh an cur dha na campaichean cruinneachaidh.