Smachd le propaganda agus casg

Bha na Nadsaidhean ag amas air smachd fhaotainn air eanchainn dhaoine airson 's gum biodh iad umhail dha na Nadsaidhean, agus gum biodh iad ag adhradh do Hitler.

Propaganda

  • Bha Ralaidhean Nuremberg gach bliadhna a' glòrachadh cogadh agus armailteachd.
  • Bha e na amas aig Oilimpigs Bherlin ann an 1936 gun sealladh iad sàr lùth-chleasachd a' Phrìomh Chinnidh.

Bha rèidiothan saor rin ceannach, agus bhiodh iad a' craoladh theachdaireachdan agus òraidean bhon Phàrtaidh Nadsaidheach. Bhiodh glaodhairean ann an àiteachan poblach ag èigheach mu phropaganda Nadsaidheach.

Postair leis an t-sluagh-ghairm 'Obair agus Aran'
Postair leis an t-sluagh-ghairm 'Obair agus Aran'

Bha dealbh Hitler sa h-uile h-àite, agus bha e air a shealltainn mar neach a shàbhaileadh a' Ghearmailt. Bha slògain shìmplidh gan cleachdadh airson beachdan nan Nadsaidheach a thoirt fa chomhair nan Gearmailteach, mar:

  • "Saor a' Ghearmailt bho na h-Iùdhaich"
  • "Obair agus Aran"
  • "Bris Comannachd"

Casg

Bha casg air meadhanan sam bith a bha an aghaidh bheachdan Nadsaidheach, no dòigh-beatha sam bith eile. Bha casg air pàipearan-naidheachd, rèidio, taighean-dhealbh agus taighean-cluiche. Cha robh leabhraichean ceadaichte ach feadhainn a bha ag aontachadh ri beachd nan Nadsaidhean. Bha a h-uile leabhar eile air a chasg, agus chaidh mòran a losgadh gu poblach.