Beachdan nan Nadsaidh

Thug an Riaghaltas Nadsaidheach beachdan à leabhar Hilter:

  • Prionnsapal a' Fuhrer - feumaidh aon cheannard a bhith os cionn aon phàrtaidh.
  • Gràin-cinnidh - bha na Gearmailtich nam 'Prìomh Chinneadh' agus cha robh cinneadh eile cho math riutha. Bha Iùdhaich agus Slabhaich air am meas mar fho-dhaoine. Dh'fheumaist cur às dhan h-uile fo-chinneadh, no tràillean a dhèanamh dhiubh.
  • Lebensraum - no rùm fuirich. Bha feum aig a' Ghearmailt air fàs na bu mhotha airson gum b' urrainn dhan Phrìomh Chinneadh fàs na bu mhotha.
  • Autarky - feumaidh a' Ghearmailt a bhith fèin-sheasmhach gu h-eaconomaigeach agus gun a bhith an eisimeil bathair air a thoirt a-steach à dùthchannan eile.

Smachd air a' Ghearmailt

Thug Hitler a-steach iomadh poileasaidh agus dòigh airson a bhith cinnteach gum biodh smachd fhathast aig na Nadsaidhean air a' Ghearmailt.

Smachd tro eagal agus ainneart

Chruthaich na Nadsaidhean stàit-eagail agus bha sin a' ciallachadh gun robh cus eagail air daoine sa Ghearmailt a dhol an aghaidh laghan nan Nadsaidhean.

An Gestapo

  • B' e an Gestapo na poilis dhìomhair a bh' aig na Nadsaidhean, agus bhiodh iad a' cruinneachadh fiosrachadh air daoine a bha a' fuireach sa Ghearmailt.
  • Bha còrr is 150,000 neach-innse aca air feadh na dùthcha, agus bhiodh iad sin ag innse dhan Ghestapo mu fhaireachdainn sam bith an aghaidh nan Nadsaidhean.
  • Cha robh èideadh air a' Ghestapo no air an luchd-innse agus mar sin cha robh fios aig na Gearmailtich cuin a bha daoine a' cumail sùil orra.
  • Bha cumhachd aca daoine a chur an grèim ma bha iad dhen bheachd gun robh iad nan nàimhdean dhan Phàrtaidh Nadsaidheach. Glè thric bha na daoine sin air an ceasnachadh ann an dòigh gu math borb mus deigheadh an cur dha na campaichean cruinneachaidh.

An SS

Prìosanaich ann an campa
Prìosanaich ann an campa

Bha an SS os cionn nan campaichean cruinneachaidh far an robh 'daoine gun iarraidh' sa phrìosan.

Am measg nan 'daoine gun iarraidh' bha:

  • dùbhlanaich poilitigeach
  • co-ghnèithich
  • eucoraich
  • Siopsaidhean
  • Iùdhaich
  • luchd-creideimh

Bha na campaichean cruinneachaidh uabhasach fhèin borb. Bha aig na prìosanaich ri bhith ag obair ann an suidheachadh oillteil. Bha sgeulachdan mu fhulang nam prìosanach a' cur fiù 's barrachd eagail air na Gearmailtich.

Nuair a chaidh na mìltean dhaoine a chur an grèim, no nuair a chaidh iad à sealladh, agus a nochd iad an uair sin le sgeulachdan uabhasach mu na campaichean cruinneachaidh, bha an sluagh le eagal am beatha.