An tràth caithte agus an tràth teachdail

Chan e rud doirbh a tha ann an tràth caithte agus an tràth teachdail a chruthachadh ann an Gàidhlig. Ma tha fios agad air freumh a' ghnìomhaire, faodaidh tu na tràthan eile a chruthachadh.

An tràth caithte

1. Gus an tràth caithte a chruthachadh bho ghnìomhairean a tha a' tòiseachadh le connrag, cuir h an dèidh na connraig.

Tha trì litrichean nach eil a' leantainn an riaghailt seo l, n, no r. Chan urrainn dhuinn h a chur an dèidh nan litrichean sin ann an Gàidhlig.

Le sin tha an tràth caithte airson laigh, nigh is ruith a' coimhead an aon rud ris an fhreumh.

2. Gus an tràth caithte a chruthachadh bho ghnìomhairean a tha a' tòiseachadh le fuaimreag, cuir dh' air beulaibh na fuaimreig anns an fhreumh, me òl gu dh'òl.

3. Gus an tràth caithte a chruthachadh bho ghnìomhairean a tha a' tòiseachadh le f+fuaimreag cuir dh' air beulaibh an f agus cuir h an dèidh an f, me fuirich gu dh'fhuirich.

Gnìomhairean a' tòiseachadh leis na connragan b, c, d, g, m, p, s, t

Gnìomhairean a' tòiseachadh leis na connragan b, c, d, g, m, p, s, t
FreumhAn tràth caithte
brisbhris
cuirchuir
dùindhùin
gabhghabh
millmhill
pòsphòs
suidhshuidh
togthog

Gnìomhairean a' tòiseachadh leis na connragan l, n, r

Gnìomhairean a' tòiseachadh leis na connragan l, n, r
FreumhAn tràth caithte
laslas
nighnigh
ruithruith

Gnìomhairean a' tòiseachadh le fuaimreag.

Gnìomhairean a' tòiseachadh le fuaimreag.
FreumhAn tràth caithte
aithnichdh'aithnich
èirichdh'èirich
ithdh'ith
òldh'òl
ullaichdh'ullaich

Gnìomhairean a' tòiseachadh le f+ fuaimreag

Gnìomhairean a' tòiseachadh le f+ fuaimreag
FreumhAn tràth caithte
fuirichdh'fhuirich
falaichdh'fhalaich
faighnichdh'fhaighnich