Friends

Read Mo charaidean. It is a good example of a piece of writing created using a writing plan. If you feel you need to, you can use the vocabulary list to help with unfamiliar words.

Mo charaidean

Tha mòran charaidean agam agus chì mi iad gu math tric. Tha a' mhòr-chuid de mo charaidean a' dol don aon sgoil rium. Tha mi air a bhith càirdeil ri cuid dhiubh bho bha mi air Prìomh a h-Aon. Tha caraidean agam cuideachd bhon sgioba ball-coise agam agus bhon chluba seòlaidh.

Bidh mi a' faicinn cuid de mo charaidean gach latha anns an sgoil. Chan eil mo charaidean anns an aon chlas rium uair sam bith ach chì mi iad aig àm saor agus aig lòn. Bidh sinn a' coiseachd dhan chafaidh còmhla airson grèim bìdh fhaighinn agus bidh sinn a' cluich ball-coise cuideachd.

Bidh mi a' cluich ann an sgioba bhuill-coise na sgìre agus rinn mi mòran charaidean tron seo. Bidh sinn a' trèanadh dà thuras san t-seachdain agus bidh sinn a' cluich gèam air an deireadh sheachdain. Mar sin, bidh sinn a' cur seachad tòrr ùine còmhla. Tha e cudromach gu bheil thu càirdeil ri na daoine a tha anns an aon sgioba riut. Ann an sgioba, feumaidh sinn a bhith a' cuideachadh agus a' toirt taic dha chèile. Mar sin, tha e cudromach gu bheil sinn a' faighinn air adhart còmhla. Tha an sgioba ball-coise againn math oir tha sinn uile dlùth dha chèile.

Tha caraidean agam cuideachd bhon chluba seòlaidh. Bidh sinn a' dol a-mach a sheòladh nuair a bhios an aimsir freagarrach. Bidh sinn a' seòladh air a' mhuir timcheall an Eilean Sgitheanaich aig an deireadh sheachdain. Feumaidh i a bhith rud beag garbh, gun a bhith ro gharbh, airson seòladh. 'S e spòrs chunnartach a tha ann an seòladh. Bidh mi fhèin agus mo charaidean a' coimhead às dèidh a' chèile.

Tha mi uabhasach fortanach gu bheil deagh charaidean agam. Chì mi iad uile glè thric agus bidh sinn a' dèanamh rudan spòrsail. Bidh mi a' dol don cholaiste an-ath-bhliadhna agus tha mi an dòchas gun dèan mi caraidean ùra. Cha dhìochuimhnich mi na seann charaidean agam idir ge-tà.