Cleachdadh-fearainn

Duilgheadasan agus fuasglaidhean

Air na th' ann de dhiofar luchd-cleachdaidh fearainn agus an fhaid a tha eadar bun agus beul aibhne, bidh còmhstri a' nochdadh mu na dòighean sa bheil diofar ìrean dhen abhainn air an cleachdadh. Seach gu bheil uiread de dhiofar uachdarain ann, agus iomadh duilgheadas a' togail ceann, bheir sinn sùil air a dhà dhiubh agus na diofar ro-innleachdan manaidseachd a chaidh a dhealbh airson na duilgheadasan sin a lùghdachadh.

Strì 1: Luchd-turais v Luchd-turais

Strì 1: Luchd-turais v Luchd-turais
DuilgheadasFuasgladh
Carbadan a' cur bacadh air faighinn chun na h-aibhneAnn an cuid de sgìrean, cumaidh ùghdarrasan na pàirc nàiseanta sùil air ionadan-inntridh gus a bhith cinnteach gum bi iad fosgailte. Soidhnichean ag iarraidh air daoine gun parcadh
Dragh ga chur air iasgach san abhainn le luchd-cleachdaidh eile, me kayaking"An Còd Dùthchail/Còd a' Bhlàir A-muigh" ga shanasachd air TBh agus ann an ionadan-fiosrachaidh luchd-turais san sgìre. Uàrdanan a' cumail sùil gus a bhith cinnteach gu bheil daoine a' cumail ris na laghan ionadail
Luchd-turais, gu h-àraidh luchd-campachaidh, a' fàgail sgudalBuidhnean poblach mar SEPA (Scottish Environmental Protection Agency) a' cumail sùil air càileachd uisge
Rathaidean cumhang agus tòrr trafaig ag adhbharachadh trafaig dhùmhlaichte aig ionadan-luchd-turais, me easanCòmhdhail phoblach agus saidhcleadh gam brosnachadh

Strì 2: Luchd-glèidhteachais v Gnìomhachas

Strì 2: Luchd-glèidhteachais v Gnìomhachas
DuilgheadasFuasgladh
Factaraidhean a' cur uisge salach, blàth dha na h-aibhnichean a toirt droch bhuaidh air fiadh-bheatha san uisgeFactaraidhean gan sgrùdadh agus càin a' dol orra ma leigeas iad sgudal mu sgaoil gu mì-laghail
Ola air a leigeil à bàtaichean mòra a' dol dhan uisge agus ag adhbhrachadh truailleadh agus a' milleadh arainnean mòraMolaidhean gus pàircean-mara nàiseanta a stèidheachadh airson fiadh-bheatha agus àrainnean san uisge a dhìon
Stèiseanan HEP a' milleadh coltas nàdarra an dealbh-tìre'S àbhaist stèiseanan HEP a bhith stèidhichte ann an sgìrean dùthchail air falbh bho bhailtean is bho mhòr-bhailtean, agus a' lùghdachadh droch bhuaidh air coltas an àite
Dh'fhaodadh ruith-dheth bho thodhar iasg a phuinnseanachadhTuathanachas organach a bhrosnachadh air tuathanais a tha faisg air aibhnichean
Move on to Test
next