Cùrsa aibhne

Feartan gach ìre dhen abhainn

Tha abhainn glè thric air a roinn ann an trì pàirtean no ìrean agus tha feartan sònraichte aig gach ìre.

Cuidichidh an clàr gu h-ìosal thu gus cuimhneachadh air prìomh fheartan gach ìre.

Feartan gach ìre dhen abhainn
ÌrePrìomh obairPrìomh fheartan
Cùrsa uachdrach (caisead mòr)Bleith dhìreach (sìos)Bun; leas-shruthan; gleann air chumadh V; sporan co-cheangailte; easan; bras-shruthan; mòr-ghilean
Cùrsa meadhain (caisead socair)Bleith taobhach a' tòiseachadh; giùlanLeathad-sleamhnachaidh; lùban; bearraidhean aibhne
Cùrsa ìochdrach (caisead glè bheag)TasgadhRaon-tuile; lochan bogha-daimh; leabhaidhean; dealta; beul-aibhne

Cruth-tìre aibhne

Tha na trì diagraman seo a' sealltainn cruth-tìre aibhne.

C˘rsa uachdrach aibhneCùrsa uachdrach aibhneC˘rsa meadhain aibhneCùrsa meadhain aibhneC˘rsa Ïochdrach aibhneCùrsa ìochdrach aibhne
  1. Bun - an t-àite anns am bi an abhainn a' tòiseachadh.
  2. Sporan co-cheangailte - far am bi an abhainn a' lùbadh eadar dromannan.
  3. Mòr-ghil - gleann cas air adhbharachadh le eas a' caitheamh air ais.
  4. Eas - glè thric far am bi abhainn a' dol thairis air bann de chreig nas cruaidhe.
  5. Gleann air chumadh V - air a dhèanamh sa chùrsa uachdrach oir tha an abhainn a' gearradh sìos nas luaithe na tha na leòidean mun cuairt air am bleith.
  6. Lùb-aibhne - tha an abhainn a' tòiseachadh air bleith bho thaobh gu taobh.
  7. Bearradh aibhne - tha an abhainn a' gluasad nas luaithe air taobh a-muigh an lùib agus a' gearradh a-steach a thaobh a' ghlinne. Tha am bleith a' gearradh a-steach fon talamh agus a' toirt air tuiteam. Tha bearradh air fhàgail an uair sin.
  8. Tràigh aibhne (leathad sleamhnachaidh) - tha an abhainn a' gluasad nas slaodaiche air taobh a-staigh an lùib. Chan urrainn dhi na molagan as motha a ghiùlan agus tha iad sin gan leagail an seo.
  9. Lochan crudhach (no Loch bogha-daimh) - nuair a bhios tuiltean ann, bidh an abhainn a' gearradh a-steach do dh'amhaich lùb mòr. Tha an lùb a-muigh air fhàgail na loch ao-domhainn.
  10. Raon-tuile - tha an abhainn a' sruthadh ann an gleann leathann, còmhnard. Nuair a chuireas i thairis, bidh i a' sgaoileadh thar an raon-tuile.
  11. Leabhaidh - nuair a bhios tuiltean ann, bidh an abhainn làn uisge agus bidh i slaodach nuair a bhios i a' fàgail a' ghrunnd. Bidh eabar ga thasgadh ris na bruaichean an toiseach. Thar nam bliadhnachan, bidh na tasgaidhean sin a' cruinneachadh nan dromannan àrda.
  12. Inbhir no beul-aibhne - beul fosgailte na h-aibhne, far am bi e a' coinneachadh ris a' mhuir.