Dè na comharran a th’ air deagh sgrìobhadh cruthachail? Ciamar a cheangaileas tu seantansan ri chèile? Ciamar a bheir thu do sgrìobhadh gu ìre nas àirde? Seo dòigh air na ceistean sin fhuasgladh.
Tha iomadh dòigh air ìre sgeulachd a leasachadh mar a tha sinn air fhaicinn. Bheir an earrann obrach seo ort a bhith a' beachdachadh air mar a b' urrainn dhut do chuid sgrìobhaidh a thoirt gu ìre nas àirde.
Chaidh innse dhut mu thràth gu bheil e cudromach gum bi thu a' cleachdadh abairtean a bhuineas dhan Ghàidhlig agus air nach eil blas na Beurla.
Leugh na seantansan gu h-ìseal agus tagh an abairt as fheàrr.
Tha e cuideachd cudromach gun seall thu nad sgrìobhadh gun urrainn dhut diofar dhòighean a chleachdadh gus an aon rud a ràdh.
Abairt A | Abairt B |
---|---|
Chaidh iad dhan bhaile. | Thog mi orm. |
Chrìochnaich e. | Thàinig orm falbh dhan bhaile. |
Rinn iad dragh dha. | Rinn mi a' chùìs. |
Mhothaich mi dha. | Thug e a chasan leis. |
Chaidh agam air a dhèanamh. | Cha mhòr nach do dh'fhalbh mi. |
Dh'fhalbh mi. | Thàinig e gu ceann. |
Theab mi falbh. | Thàinig e a-steach air. |
Bha agam ri falbh dhan bhaile. | Rinn iad air a' bhaile. |
Chuir iad às dha. | Thug mi an aire dha. |
Theich e. | Mharbh iad e. |
Smaoinich e. | Dh'obraich iad air. |
Abairt A | Abairt B |
---|---|
Dh'fhalbh mi. | Thog mi orm. |
Bha agam ri falbh dhan bhaile. | Thàinig orm falbh dhan bhaile. |
Chaidh agam air a dhèanamh. | Rinn mi a' chùìs. |
Theich e. | Thug e a chasan leis. |
Theab mi falbh. | Cha mhòr nach do dh'fhalbh mi. |
Chrìochnaich e. | Thàinig e gu ceann. |
Smaoinich e. | Thàinig e a-steach air. |
Chaidh iad dhan bhaile. | Rinn iad air a' bhaile. |
Mhothaich mi dha. | Thug mi an aire dha. |
Chuir iad às dha. | Mharbh iad e. |
Rinn iad dragh dha. | Dh'obraich iad air. |