Sgrìobhadh cruthachail

Anns an earrainn sgrìobhaidh seo coimheadaidh sinn air aon dòigh air ceist Sgrìobhadh cruthachail a fhreagairt.

  • Seo sgrìobhadh far am faod thu do mhac-mheanmna a chleachdadh airson sgeulachd a dhèanamh suas. Bidh Sgrìobhadh cruthachail mar as trice ficseanail, ach glè thric bidh Sgrìobhadh cruthachail stèidhichte air rud no rudan a tha fìor 's a tha air an leudachadh.

Seo cuspair a dh'fhaodadh a bhith ann am Measadh Aonaid:

Glacte

Sgrìobh sgeulachd ghoirid anns a bheil am prìomh charactar air a ghlacadh.

Tha a' cheist seo a' toirt cothrom dhuinn sgrìobhadh ann an dòigh sam bith mun chuspair.

Seo dà eisimpleir de thoiseach na sgeulachd.

Toiseach 1:

Bha solas làidir ann. Bha e a' bualadh orm. Thachair an aon rud rium a-raoir. Bha rudan gu math doirbh dhomh an-dràsta.

Dh'fhuirich mi. Cha do ghluais mi. Bha mi feitheamh airson an solas a dhol air falbh. 'S e an rud as fheàrr dìreach fuireach far a bheil thu. An dèidh seo faodaidh tu cumail ort. Bha mi a' dol gu taobh thall an rathaid.

Toiseach 2:

Bha mi air mo ghlacadh ann an solas làidir geal a bha a' deàrrsadh a-nuas orm. Cha b' e seo a' chiad turas a thachair e dhomh anns an t-saoghal san robh mi beò a-nis.

Bha mi air ionnsachadh gum b' e an rud a b' fheàrr a dhèanamh fuireach far an robh mi gus an d' rachadh sguab an t-solais seachad orm. An uair sin dh'fhaodainn mo shlighe a dhèanamh dhan taobh thall agus biadh.

Dè na dòighean sa bheil an dàrna eisimpleir nas fheàrr na a' chiad eisimpleir?

  • Tha an dàrna tè a' ceangal sheantansan ri chèile. A bheil thu a' faicinn gu bheil thu a' cuideachadh do sgrìobhaidh le bhith a' ceangal sheantansan ri chèile taobh a-staigh aon sheantans? 'S fhiach seo fheuchainn mura h-eil thu ga dhèanamh mu thràth. Ged a bu chòir dhut feuchainn ri seantansan a cheangal ri chèile, chan eil sin ag ràdh nach bu chòir seantansan goirid no sìmplidh a bhith agad. Ach, ma tha cus dhiubh ann, dh'fhaodadh gun smaoinich cuid nach eil sinn comasach air seantansan nas fhaide a chruthachadh.
  • Tha barrachd tuairisgeil agus fiosrachaidh anns an dàrna eisimpleir: (solas làidir geal a' deàrrsadh a-nuas orm an taca ri Bha solas làidir ann. Bha e a' bualadh orm.) Tha seo a' togail dealbh nas fheàrr de shuidheachadh na sgeulachd ann an inntinn an leughadair.
  • Tha faireachdainnean anns an dàrna eisimpleir. Tha seantansan mar Bha mi air mo ghlacadh (an taca ri Bha solas làidir ann) a' cruthachadh suidheachadh anns a bheil eagal 's mì-chinnt.
  • Tha sinn a' faicinn anns an dàrna eisimpleir gu bheil prìomh charactar na sgeulachd air a bhith anns an t-suidheachadh seo roimhe: Cha b' e seo a' chiad turas a thachair e dhomh / Bha mi air ionnsachadh gum b' e an rud a b' fheàrr a dhèanamh fuireach far an robh mi (an taca ri Bha rudan gu math doirbh dhomh an-dràsta / 'S e an rud as fheàrr dìreach fuireach far a bheil thu.)
  • Tha an sgrìobhadair a' seachnadh faclan mar thu anns an dàrna eisimpleir. Tha seo a' togail ìre an sgrìobhaidh.
  • Nuair a bhios tu a' leughadh stòiridhean sgrìobhadairean ainmeil, coimhead air mar a thug iad na caractaran beò agus na suidheachaidhean a tha anns na sgeulachdan aca. Feuch ri na h-innleachdan a tha iadsan a' cleachdadh a chuir ri na sgeulachdan a chruthaicheas tu fhèin.

Seo beagan obrach dhut fhèin a-nis. Coimhead air a' cheist gu h-ìseal.

Dh'fhosgail mi an doras agus thug mi sùil a-mach

Sgrìobh sgeulachd ghoirid a tha a' tòiseachadh leis na faclan: "Dh'fhosgail mi an doras agus thug mi sùil a-mach. 'S beag dùil a bha agam ris na chunnaic mi a-muigh."

Cruthaich mapa-inntinn dhut fhèin a-nis airson a' chuspair seo. An uair sin, sgrìobh sgeulachd ghoirid, a' cuimhneachadh air an stiùireadh gu h-àrd.