An t-strì a' leantainn

Lean na h-Albannaich orra a' strì às aonais Ualas mar cheannard. Thàinig Raibeart Brus agus Iain Cuimein, a dh'aindeoin 's mar a bha iad lugha air a chèile, gu bhith nan Urrasairean air Alba. Bha Ualas fhathast an sàs sa chùis. Mar eisimpleir chaidh e dhan Roinn Eòrpa ann an 1299 gus taic a bhrosnachadh dha na h-Albannaich an aghaidh Eideird I. Cha robh riaghladh Shasainn ann an Alba uabhasach stèidheil oir bha aire Eideird I gu mòr air gnothaichean san Fhraing.

Eadar 1300 agus 1302, bha fathann ann gun robh an Rìgh Iain a' tilleadh a dh'Alba. Rinn sin dragh do Raibeart Brus oir bha e dhen bheachd gum milleadh sin a mhiann fhèin airson a bhith na rìgh. Leig Brus dheth dreuchd Urrasair Alba ann an 1300. Ach lean Iain Cuimein air a' strì airson Alba.

Bàs Uilleam Ualas

Sealladh de Chreag na h-Abaid ann an Sruighlea le carragh-cuimhne Ualas
Creag na h-Abaid le carragh-cuimhne Ualas

Thabhainn Eideard I airgead mòr do dhuine sam bith a mharbhadh no a ghlacadh Ualas. Chaidh a bhrath mu dheireadh, agus a ghlacadh, faisg air Glaschu ann an 1305. Chaidh a chur às a leth gun robh e na bhrathadair, rud ris nach do ghabh e seach nach tug e riamh bòid dìlseachd do dh'Eideard I. Chaidh Ualas a chrochadh air 23 Lùnastal 1305. Chaidh buill a bhodhaig a thaisbeanadh ann an Sruighlea, ann am Peairt, sa Chaisteal Nuadh agus ann am Bearaig airson sealltainn gun robh smachd aig Eideard I air Breatainn gu lèir.