Blàr na h-Eaglaise Brice agus fo smachd Shasainn a-rithist

Blàr na h-Eaglaise Brice

Arm Shasainn a' tilleadh a dh'Alba

As t-samhradh 1298, mhèarrs Eideard I a-rithist gu tuath a dh'Alba. Dh'fheuch Ualas ri batal aontaichte a sheachnadh le bhith a' falach na h-armailt aige air na Sasannaich agus a' sgrìos thogalaichean agus bàrr ann an ceann a deas Alba airson gun tigeadh air Armailt Shasainn tilleadh dhachaigh.

Ach fhad 's a bha Eideard I a' smaoineachadh air tilleadh a Shasainn, fhuair e fios gun robh Armailt Ualas faisg air an Eaglais Bhric. Tha cuid de luchd-eachdraidh dhen bheachd gum b' fheudar do dh'Ualas tòiseachadh air sabaid an uair sin. Dh'fhaodadh gun robh an armailt sgìth dhen fhalach, agus airson gun cumadh Ualas smachd air Alba, bha e an eisimeil taic nan saighdearan cumanta. Choinnich an dà armailt ri chèile san Eaglais Bhric air 22 Iuchar 1298.

Blàr na h-Eaglaise Brice

Bha fada, fada a bharrachd de dhaoine ann an Armailt Eideird I, agus mar sin, shuidhich e na fir leis an dìon bu mhotha a b' urrainn dha.

  • Leis na Sasannaich mu choinneamh, chuir Ualas na fir aige ann an ceithir sioltronan.
  • Bhiodh boghadairean Alba a' dìon nan sioltronan.
  • Bha iad air an dìon air gach taobh le eachraidh Alba.
  • Air beulaibh nan Albannach bha an talamh na bhoglaich, agus bhiodh e doirbh dha na Sasannaich faighinn thairis air.
Map a’ sealltainn slighe feachd Shasainn rè Blàr na h-Eaglaise Brice

Ach, bha Armailt Shasainn ro làidir dha na h-Albannaich.

  • Chuir eachraidh Shasainn an ruaig air eachraidh Alba far raon a' bhlàir.
  • Chaidh aig eachraidh Shasainn an uair sin air boghadairean Alba a chur fodha.
  • Gun dìon bhon eachraidh no bho na boghadairean, bha sioltronan Alba ann an cunnart. Nuair a thug na Sasannaich an ath ionnsaigh, bhris na h-Albannaich às a chèile agus chaidh Armailt Alba a mhurt.
Map a’ sealltainn mar a chuir feachd Shasainn feachd Alba chun an iomaill rè Blàr na h-Eaglaise Brice

B' e call uabhasach a bha seo do dh'armailt Alba. Thàinig Uilleam Ualas beò às a' bhlàr agus chaidh aige air teiche, ach an dèidh sin leig e dheth a dhreuchd mar Urrasair.