Shabaidich Uilleam Ualas an aghaidh Shasainn is bhuannaich e Blàr Drochaid Shruighle an 1297. An ath bhliadhna thug feachd Eideird buaidh air Alba san Eaglais Bhric. Chuireadh Ualas gu bàs an 1305.
Chaidh ar-a-mach uaislean na h-Alba a chur fodha ro dheireadh 1296 air sgàth 's gun do chaill Alba ann am Blàr Dhùn Barr agus air sgàth an Roile Robaich. Ach thòisich dà ar-a-mach eile aig toiseach 1297.