Sgrìobhadh breithneachail

Aig Ìre Nàiseanta 5, thèid iarraidh ort diofar phìosan sgrìobhaidh a dhèanamh. Nuair a tha thu a' cruthachadh phìosan sgrìobhaidh, bu chòir dhut a bhith eòlach air na diofar ghnèithean sgrìobhaidh agus na modhan is stoidhlichean sònraichte a thathar a' cur gu feum.

Tha sgrìobhadh breithneachail a' ciallachadh gu bheil thu a' toirt sùil air cuspair sònraichte agus a' toirt seachad bheachdan air.

Dh'fhaodadh tu aiste ìmpidheach a dhèanamh, far am feuch thu ri beachdan an leughadair atharrachadh gus am bi iad air an aon ràmh ris an sgrìobhadair.

Air neo, dh'fhaodadh tu aiste chonnspaideach a dhèanamh, far an tagh thu cuspair inntinneach agus far am beachdaich thu air dà thaobh na h-argamaid.

Tha feartan, structaran agus sgilean sònraichte a' nochdadh ann an sgrìobhadh breithneachail. Tha e cudromach gum bi thu eòlach air na nithean seo agus gun tèid agad air an cleachdadh anns an sgrìobhadh agad fhèin.

Nuair a tha thu a' sgrìobhadh phìosan, bu chòir gun seall thu gu bheil thu mothachail air:

  • stoidhle agus modhan na gnè sgrìobhaidh
  • adhbhar agus luchd-amais a' phìos