Breatainn agus an Caribbean

1

Dè am prìomh bhàrr a bha a’ fàs air planntachasan a’ Charibbean?

2

Carson a bha feum air uiread de thràillean airson planntachasan an t-siùcair?

3

Nuair a bha na slatan siùcair air am buain, air am pronnadh is air an goil, bha molasses air a dhèanamh mar sheach-bhathar. Dè bha iad a’ dèanamh leis an sin?

4

Carson a bha an sùgh bho na slatan pronn ri ghiullachd cho luath?

5

Dè am prìomh cheann-uidhe a bh’ aig na bàtaichean làn siùcair?

6

Dè an t-eilean a bu bheairtiche de na coloinidhean Eòrpach sa Charibbean?

7

Carson a chaidh West India Interest a stèidheachadh?

8

Dè am baile ann am Breatainn a chuir tagradh chun na Pàrlamaid ann an 1775 a’ cur taic ri malairt nan tràillean a chumail a’ dol?