Gnìomhachas an tombaca ann an Glaschu

Anns an 18mh linn, rinn Glaschu uabhasach math à prothaid bho mhalairt nan tràillean.

Bha làmh-an-uachdair aig buidheann beag de mharsantan à Glaschu air gnìomhachas tar-Atlantaig an tombaca a bha a' sìor fhàs. Thàinig na marsantan sin à Glaschu gu bhith aithnichte mar 'Triathan an Tombaca'. Stèidhich iad lìonraidhean airson malairt tombaca ann an Virginia, agus ann an 1760 bha Glaschu air àite Lunnainn a ghabhail mar am prìomh bhaile a bha a' toirt a-steach tombaca.

Chì sinn a' bhuaidh aca ann an cuid de shràidean agus de thogalaichean Ghlaschu. Tha mòran de na seann shràidean (Buchanan, Glassford, Ingram agus Dunlop) air an ainmeachadh air Triathan Tombaca. Chaidh togalach a tha air fear cho mìorbhaileach 's a tha sa bhaile a thogail mar dhachaigh do William Cunninghame ann an 1778, fear de thriathan mòra an tombaca ann an Glaschu.

Move on to Test
next