Gnìomhachas an t-siùcair ann am Bristol

Cha b' fhada gus an robh malairt steach-bhathair an t-siùcair air leth soirbheachail ann am Bristol, agus bha e mar sin gu 1799 nuair a bha Liverpool na bu shoirbheachaile. B' e obair an t-siùcair an gnìomhachas a bu bhuannachdaile a bh' ann am Bristol. Bha iomadh comharra ann air a' bheairteas sin. Bha taighean siùcair (ionadan sam biodh an siùcar amh bho phlanntachasan nan tràillean thar an Atlantaig ga ghiullachd) a-nis air cidheachan a' bhaile a bharrachd air taighean-stòir. Aig aon àm bha 22 taighean siùcair ann am Bristol.

Le barrachd is barrachd iarraidh air siùcar ann am Breatainn airson biadh a dhèanamh milis (gu h-àraidh teatha), dh'fhàs Bristol gu bhith na àite cudromach agus ainmeil. Bha buidhnean de mharsantan siùcair ainmeil ann am Bristol, agus luchd-cuir às na h-Innseachan an Iar a bha air tilleadh 'dhachaigh' a dh'fhuireach ann an taighean leòmach sa West Country nuair a leig iad dhiubh an dreuchd.

Tha pàirt de dh'ailtireachd Bhristol fhathast a' cuimhneachadh a' cheangail a bh' aige ri siùcar agus ri malairt nan tràillean. Chaidh Drochaid Phero ainmeachadh air tràill a thug an luchd-cuir ainmeil, na Pinneys, a Bhristol à St Kitts. Chaidh Guinea Street, Queen's Square (far an robh marsantan siùcair ainmeil a' fuireach) agus Merchants' Hall a thogail le prothaid bho mhalairt nan tràillean.

Bha Bristol airson fuireach beairteach agus soirbheachail. Ann an 1775 chuir an t-Àrd-bhàillidh, marsantan agus muinntir Bhristol tagradh chun na pàrlamaid agus iad a' cur an taic ri malairt nan tràillean a chumail a' dol.