Beairteas nam port is nam marsantan

Puirt Bhreatainn

Seach gun robh tràillean ag obair air na planntachasan, rinn na marsantan agus na puirt a bha an sàs san obair prothaidean mòra, mòra, an dà chuid ann am Breatainn agus sa Charibbean.

Dh'fhàs na prìomh phuirt ann am Breatainn a bha an sàs ann am malairt nan tràillean gu math luath agus gu math beairteach san 18mh linn.

Bho 1761 gu 1807, thug luchd-malairt a bha stèidhichte ann am puirt am Breatainn 1,428,000 tràill Afraganach thar an Atlantaig agus rinn iad £60 millean – 's dòcha £8 billean aig luach airgid an-diugh – bho bhith a' reic thràillean.

Companaidh Rìoghail Afraga

Ann an 1672 stèidhich Teàrlach II agus marsantan à Lunnainn Companaidh Rìoghail Afraga airson tràillean Afraganach a thoirt dha na h-Innseachan an Iar.

Thug iad mu 100,000 Afraganach mar thràillean dhan Charibbean eadar 1672 agus 1689. Thugadh an t-ainm guinea air an òr a thug iad do thaigh-cùinnidh Shasainn às dèidh na dùthcha ann an Afraga an Iar às an robh an t-òr a' tighinn.

Ann an 1689 cha b' e Companaidh Rìoghail Afraga (stèidhichte ann an Lunnainn) an aon chompanaidh a bha an sàs ann am malairt nan tràillean. Thòisich marsantan à Bristol agus à Liverpool a' dol an sàs sa mhalairt barrachd is barrachd. Ann an 1760 bha Glaschu a' toirt a-steach barrachd tombaca na bha Lunnainn.

Beairteas luchd-seilbh phlanntasan sna h-Innseachan an Iar

Airson a' mhòr-chuid dhen 18mh linn, b' e an coloinidh Breatannach, Barbados, a bu bheairtiche dhe na coloinidhean Eòrpach sa Charibbean air sgàth na prothaid bho phlanntachasan an t-siùcair.

Chaidh a' West India Interest a stèidheachadh sna 1740an nuair a chaidh marsantan Breatannach an sàs còmhla ri luchd-cuir an t-siùcair sna h-Innseachan an Iar. B' e am buidheann sin a' chiad bhuidheann malairt siùcair aig an robh guth mòr sa phàrlamaid. Mar eisimpleir ann an 1789 thadhail buidheann de luchd-cuir à Iameuga air a' phàrlamaid airson tagradh a dhèanamh ri Buill Pàrlamaid gus taic a chur ri malairt nan tràillean.