Pàtrain malairt

Bhiodh bàtaichean a ghabhadh an t-'Slighe Mheadhain' à Afraga a' reic an cargu de thràillean agus an uair sin a' luchdachadh nam bàtaichean le siùcar agus ruma a reiceadh iad ann an Sasainn.

B' e Bristol agus Liverpool na prìomh phuirt dham biodh na bàtaichean siùcair a' dol. Ann an 1785, thàinig 22,811 baraille siùcair a-steach a Bhristol.

Tha beagan fianais ann nach robh uiread de phrothaid ann am malairt nan tràillean faisg air deireadh an 18mh linn.

Bha e a' fàs na bu dhaoire tràillean a cheannach ann an Afraga. Ràinig a' phrìs £25 ann an 1800, ach cha robh a' phrìs airson an reic ann an Ameireaga air a dhol suas cho luath idir agus cha robh i ach aig £35 ann an 1800.

Malairt nan tràillean thar an Atlantaig