San t-17mh is san 18mh linn thugadh tràillean à Afraga gu na h-Innseachan an Iar son obair siùcair. Dh’fhàs puirt is marsantan Breatannach beairteach.
B' e an dòigh a b' èifeachdaiche air siùcar fhàs e bhith air planntachasan mòra le tòrr luchd-obrach. Mu dheireadh b' e planntachasan an t-siùcair am prìomh ghnìomhachas a bha sa Charibbean.
Seach nach robh daoine gu leòr sa Charibbean, chaidh àireamh mhòr de thràillean dubha a thoirt a-steach à Afraga airson obrachadh air planntachasan an t-siùcair san 18mh linn. Bhathar a' sùileachadh air a h-uile tràill a bhith ag obair; fiù 's seann thràillean, boireannaich agus clann.
Bha an dòigh-beatha air na planntachasan cruaidh, agus bha an treas cuid de thràillean a thigeadh a-steach a' bàsachadh an taobh a-staigh trì bliadhna. Bha sin a' cruthachadh iarraidh air tràillean ùra a ghabhadh an àite.
Iarratas air tràillean san t-Saoghal Ùr
Eadar 1766 agus 1791, rinn Innseachan an Iar Bhreatainn còrr is millean tunna siùcair. 'S e obair chruaidh le feum air mòran luchd-obrach a th' ann am fàs an t-siùcair.
Tha siùcar air a dhèanamh mar a leanas: