Coloinidhean Bhreatainn

Chaidh a' chiad choloinidhean de dh'Ìmpireachd Bhreatainn a stèidheachadh ann an Ameireaga a Tuath (Virginia, 1607) agus sna h-Innseachan an Iar (Barbados, 1625). Ann an 1655 fhuaradh Iameuga.

Thòisich bàtaichean thràillean à Sasainn a' toirt thràillean Afraganach a choloinidhean Shasainn airson obrachadh air na planntachasan. Rinn gnìomhachasan a bha stèidhichte air tràillean Breatainn beairteach agus soirbheachail.

Bàrr tropaigeach agus a' phrothaid a rinn e

Bàrr tropaigeach

Tràillean a' buain slatan siùcair air planntachas ann an Iameuga
Tràillean a' buain slatan siùcair air planntachas ann an Iameuga

San 17mh linn bha slatan siùcair a' tighinn a dh'Innseachan an Iar Bhreatainn à Brasil. Aig an àm sin bha a' mhòr-chuid de thuathanaich na sgìre a' fàs cotan agus tombaca. Ach bha farpais mhòr bho choloinidhean Ameireaga a Tuath a' ciallachadh gun robh a' phrìs airson a' bhàrr sin a' tuiteam. Chuir luchd-seilbh nam planntachasan mòra sa Charibbean romhpa atharrachadh gu bhith a' fàs slatan siùcair.

Cheannaich luchd-seilbh nam planntachasan tràillean airson an obair sin a dhèanamh.

An siùcar

B' e slatan siùcair am prìomh bhàrr a bha a' fàs air na planntachasan a bha pailt air feadh a' Charibbean san 18mh agus san 19mh linn. Bha eadar 80% agus 90% dhen t-siùcar a bh' air a chleachdadh air taobh an iar na Roinn Eòrpa a' tighinn bho na planntachasan sin.

Cha mhòr nach robh gach eilean làn le planntachasan siùcair agus leis na muilnean air an robh feum airson na slatan fhìneadh gus faighinn chun na mìlseachd. Gus an deach cur às do thràillealachd, b' e tràillean Afraganach a bha a' dèanamh a' mhòr-chuid dhen obair.

Bha Breatainn a' ceannach siùcar agus ga chleachdadh ann an cèicichean agus airson teatha a dhèanamh milis. Ann an 1700, bha gach duine ann am Breatainn a' gabhail 4 puinnd san t-seachdain, agus ceud bliadhna an dèidh sin bha sin air èirigh gu 18 puinnd gach duine.

Ged a b' e siùcar am bàrr a bu chudromaiche a bha a' fàs sa Charibbean, bha bàrr eile mar cofaidh, lus a' ghuirmein agus rus a' fàs cuideachd.

An fheum airson nan tràillean

Ann an 1746, sgrìobh an t-eaconamaiche, Malachi Postlethwaite, Mura bi Negrothan againn, cha bhi siùcar, tombaca no ruma, msaa againn. Mar thoradh air an sin thèid an teachd-a-steach poblach bho steach-bhathar nam planntachasan à bith. Agus caillidh na ceudan mhìltean de Bhreatannaich, a tha a' dèanamh bathar airson malairt an triantain, an obair agus bidh iad nan dèircean.

Dh'aontaich mòran ris, oir bha iad a' creidsinn gun robh siostam a' phlanntachais, a bha stèidhichte air obair thràillean, riatanach do bheairteas, do ghnìomhachas agus do dh'obraichean ann am Breatainn.

Prothaid

Ann an 1750, ghabh siùcar àite a' ghràin mar am bathar a bu luachmhoire ann am malairt na Roinn Eòrpa. B' e siùcar a bha sa chòigeamh cuid de steach-bhathar às an Roinn Eòrpa.

Chaidh margaid an t-siùcair tro amannan matha. Bha barrachd is barrachd iarraidh air siùcar air sgàth 's gun robh cleachdaidhean ithe ag atharrachadh gu mòr ann am pàirt dhen Roinn Eòrpa. Mar eisimpleir thòisich daoine a' gabhail barrachd silidh, suiteis, tì, cofaidh agus biadh milis eile.

Air sgàth sin, ghabh eileanan a' Charibbean brath air an t-suidheachadh agus thòisich iad a' dèanamh barrachd is barrachd siùcair. Ann am Barbados, b' e siùcar a bh' ann an 93% de mhach-bhathar an eilein.