Èisteachd

Anns an Eilean Sgitheanach

Bheir an earrann seo cothrom dhut do sgilean èisteachd a leasachadh aig Ìre Nàiseanta 4. Tha an earrann stèidhichte air cultar.

Seo trì ceistean deug. Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean.

Ceistean

Question

Càite bheil am bus seo a' dol?

Caisteal Dhùn Bheagain.

Question

Càite bheil an t-àite seo?

Ann an iar-thuath an Eilein Sgitheanaich.

Question

Dè a' chiad sealladh a tha an dràibhear ag ainmeachadh?

Beanntan àrda.

Bidh thu ag èisteachd airson an fhacail sealladh, no facal coltach ris, airson seo a fhreagairt.

Question

Dè tha a' dol a thachairt ann an Taigh-òsta an Rìgh?

Gabhaidh iad cofaidh na maidne.

Nuair a chluinneas tu an abairt Taigh-òsta an Rìgh bidh fios agad gu bheil am freagairt faisg.

Question

Dè a' chiad rud a gheibh luchd-turais cothrom a dhèanamh an dèidh coimhead air a' chaisteal?

Bidh cothrom ann a dhol a-mach ann am bàta a dh'fhaicinn nan ròn agus an eunlaith air na h-eileanan beaga mun cuairt.