Cogadh nam Boer (1899-1902)

Thòisich Dara Cogadh nam Boer ann an 1899 ann an Afraga a Deas. Bha e eadar dà Phoblachd nam Boer agus Ìmpireachd Bhreatainn.

Mhair Dara Chogadh nam Boer trì bliadhna agus b' fheudar do Bhreatainn barrachd dhaoine a thogail dhan arm. Chaidh mòran à Breatainn dhan arm gu saor-thoileach.

Duilgheadasan a dhearbh an cogadh

Rè a' chogaidh, bha duilgheadas mòr aig Arm Bhreatainn fir òga a bha fiot a thàladh dhan arm mar shaighdearan. Mus b' urrainn do dhaoine a dhol dhan arm dh'fheumadh iad a dhol tro sgrùdadh meadaigeach agus faighinn troimhe. Fhuaradh a-mach sna sgrùdaidhean meadaigeach nach robh an treas cuid dhe na saor-thoilich fiot airson seirbheis san arm.

Buaidh a' chogaidh

Bha barrachd is barrachd dragh ann mu thèarainteachd nàiseanta, sin sàbhailteachd Bhreatainn. Ma bha e doirbh daoine a thàladh a-steach airson cogadh nach robh ro mhòr, bhiodh e na bu dorra buileach àireamh mhòr de shaighdearan fiot a thàladh a-steach airson cogadh mòr. Bha sin a' ciallachadh gum faodadh Breatainn a cur fodha le dùthaich ghnìomhachais làidir le arm mòr. B' e dùthaich mar sin a bha sa Ghearmailt agus bha coltas ann gun robh i a' feuchainn ri ceannas eadar-nàiseanta a bhith aice seach aig Breatainn.

Thuirt aithisgean a dh'fhoillsich an riaghaltas ann an 1904 gum bu chòir biadh sgoile an-asgaidh agus sgrùdaidhean meadaigeach a thòiseachadh ann am Breatainn. Chuidicheadh sin a thaobh staid thruagh, chorporra mòran de shaoranaich Bhreatainn. Chuir na h-aithisgean cuideam mòr air biadh nas fheàrr agus nach bu chòir cus dhaoine a bhith a' fuireach còmhla, seach gun robh na suidheachaidhean bu mhiosa ann am mòr-bhailtean gnìomhachais. Bha barrachd is barrachd cuideim a' tighinn air an riaghaltas rudeigin a dhèanamh airson a bhith cinnteach gun robh ìrean slàinte bunaiteach gan coileanadh ann am Breatainn.