Booth agus Rowntree

Charles Booth
Charles Booth

Nochd dithis a bha cudromach mu thoiseach na linne. Bha ùidh aig Charles Booth agus aig Seebohm Rowntree ann am bochdainn ann am Breatainn. Chuir iad le chèile taic ri rannsachadh a thaobh na bh' ann de bhochdainn agus na h-adhbharan air a shon.

Charles Booth

  • Rinn e rannsachadh ann an Lunnainn, eadar 1886-1903.
  • Dh'fhoillsich e an aithisg Life and Labour of the People in London.
  • An dèidh agallamhan cuide ri daoine bochda, dotairean, tidsearan agus sagartan, cho-dhùin e gun robh 30% de mhuinntir Lunnainn ann am bochdainn.
  • Dhearbh toradh an rannsachaidh aige nach robh coire aig na bochdan ris an t-suidheachadh san robh iad.

Rannsachadh Charles Booth

Seebohm Rowntree

  • Rinn e rannsachadh ann an Iorc eadar 1899-1901.
  • Dh'fhoillsich e an aithisg Poverty, A Study of Town Life.
  • Cho-dhùin e gun robh 30% de mhuinntir York ann am bochdainn agus gum feumadh iad 21s a chosnadh san t-seachdain airson cumail a-mach à bochdainn. Ma bha iad a' cosnadh na bu lugha na sin, bha iad fo 'loidhne na bochdainn'.
  • Thuirt e nach robh cothrom aig daoine air a bhith bochd agus gun robh teaghlaichean mòra a' cur ris a' bhochdainn.

Bochdainn tràth sna 1900an

Bha toradh an rannsachaidh aig Booth agus aig Rowntree ag aontachadh air dà phrìomh phuing:

  • Bha suas ri 30% de shlugh nam mòr-bhailtean beò air, no fo, Loidhne na Bochdainn.
  • Cha b' urrainn do dhaoine iad fhèin a thoirt a-mach à bochdainn.

Chomharraich Booth agus Rowntree tinneas, cion obrach agus aois mar phrìomh adhbharan airson bochdainn. B' e feadhainn glè òg agus seann daoine a bu mhotha a bh' ann an cunnart bochdainn.